bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Lamentations 5
Lamentations 5
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
1
Cuimhnich, O Thighearna, ciod a thàinig oirnn: thoir fa‑near, agus faic ar masladh.
2
Thugadh thairis ar n‑oighreachd do choimhich, ar taighean do choigrich.
3
Tha sinn nar dìlleachdain, agus gun athair, ar màthraichean mar bhantraichean.
4
Dh’òl sinn ar n‑uisge airson airgid; tha ar fiodh air a reic rinn.
5
Le cuing ar muineal tha sinn air ar sìor leòn; tha sinn a’ saothrachadh, agus gun fhois againn.
6
Thug sinn an làmh do na h‑Eiphitich, agus do na h‑Asirianaich, a‑chum a bhith air ar sàsachadh le aran.
7
Pheacaich ar n‑athraichean, agus chan eil iad ann, agus ghiùlain sinne an euceartan.
8
Bha seirbhisich nan uachdarain oirnn; chan eil duine sam bith ann a shaoras on làmhan.
9
Fhuair sinn ar n‑aran le cunnart ar n‑anama, do bhrìgh claidheamh an fhàsaich.
10
Bha ar craiceann dubh mar àmhainn, do bhrìgh na gorta uamhasaich.
11
Dh’èignich iad na mnathan ann an Sion, na maighdeannan ann an cathraichean Iùdah.
12
Bha prionnsachan air an crochadh suas air an làimh: cha tug iad urram do aghaidh nan aosda.
13
Ghabh iad na h‑òganaich gu meileadh, agus thuit a’ chlann fon chonnadh.
14
Thrèig na seanairean an geata, na h‑òganaich an ceòl.
15
Sguir aoibhneas ar cridhe; chaochail ar dannsadh gu bròn.
16
Thuit an coron bhàrr ar cinn: mo thruaighe sinn, a chionn gun do pheacaich sinn.
17
Airson seo tha ar cridhe lag; airson nan nithean seo tha ar sùilean air an dorchachadh.
18
Airson sliabh Shioin a tha fàs; tha na sionnaich a’ coiseachd air.
19
Ach tha thusa, O Thighearna, maireannach gu sìorraidh; do chathair rìoghail o linn gu linn.
20
Cuime an dèan thu dearmad oirnn gu bràth, agus a bheil thu gar trèigsinn ùine cho fada?
21
Till sinne thugad, O Thighearna, agus bidh sinn air ar tilleadh: ath‐nuadhaich ar làithean mar o shean.
22
Oir thilg thu sinn cian fada uat; bha thu ro‑fheargach nar n‑aghaidh.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
All chapters:
1
2
3
4
5