bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Lamentations 3
Lamentations 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 4 →
1
Is mise an duine a chunnaic àmhghar le slait a chorraich.
2
Stiùir e mi, agus thug e orm gluasad ann an dorchadas, agus chan ann an solas.
3
Gu cinnteach am aghaidh‐sa thill e; tha e a’ tilleadh a làimhe air a h‑ais ann am aghaidh air feadh an là gu h‑iomlan.
4
M’fheòil agus mo chraiceann rinn e sean; bhris e mo chnàmhan.
5
Thog e ann am aghaidh, agus chuartaich e mi le domblas agus le saothair.
6
Chuir e mi a chòmhnaidh ann an ionadan dorcha, mar iadsan a tha cian marbh.
7
Chuartaich e mi le gàrradh air gach taobh, air chor is nach faod mi teachd a‑mach; rinn e mo shlabhraidh trom.
8
Mar an ceudna, an tràth a ghlaodhas agus a dh’èigheas mi, tha e a’ druideadh a‑mach m’ùrnaigh.
9
Dhruid e suas mo shlighe le clachan snaidhte; rinn e cam mo cheuman.
10
Mar mhath‐ghamhainn a’ laighe am falach bha e dhomh, mar leòmhann ann an ionadan uaigneach.
11
Rinn e mo shlighe fiar, agus reub e mi am bhloighdean: rinn e mi am aonaran.
12
Lùb e a bhogha, agus chuir e mise mar chomharradh airson an saighde.
13
Thug e air saighdean a dhòrlaich dol a‑steach ann am àirnean.
14
Bha mi ann am chùis‐mhagaidh dom shluagh uile, ann am òran dhaibh fad an là.
15
Lìon e mi le searbhadas, chuir e air mhisg mi le searbh‐luibhean.
16
Bhris e m’fhiaclan fòs le clachan gainmhich, chòmhdaich e mi le luaithre.
17
Agus dh’atharraich thu m’anam am fad o shìth; dhìochuimhnich mi soirbheachadh.
18
Agus thubhairt mi, Tha mo spionnadh agus mo dhòchas air bàsachadh on Tighearna.
19
Tha cuimhneachadh air m’àmhghar agus mo thruaighe na shearbhadas agus na dhomblas.
20
Tha m’anam fhathast gan cuimhneachadh, agus air irioslachadh an taobh a‑staigh dhìom.
21
Tha mi a’ gairm seo a‑rìs gum aire; uime sin tha dòchas agam.
22
Is ann de thròcairean an Tighearna nach eil sinn air ar caitheamh, a chionn nach eil fàiling air a thròcairean.
23
Tha iad nuadh gach aon mhadainn; is mòr do dhìlseachd!
24
Is e an Tighearna mo chuibhreann, tha m’anam ag ràdh; uime sin cuiridh mi mo dhòchas ann.
25
Is math an Tighearna dhaibhsan a dh’fheitheas air, don anam a dh’iarras e.
26
Is math a bhith ann an dòchas, agus feitheamh gu fòil ri slàinte an Tighearna.
27
Is math do dhuine a’ chuing a ghiùlan na òige;
28
Suidhidh e na aonar, agus bidh e na thosd, a chionn gun do rinn e a giùlan.
29
Cuiridh e a bheul anns an duslach, mas e is gum faod dòchas a bhith ann.
30
Bheir e a ghiall don tì a bhuaileas e; bidh e air a lìonadh làn de mhasladh.
31
Oir cha tilg an Tighearna uaithe gu bràth:
32
Ach ged bheir e adhbhar bròin, gidheadh nì e iochd a rèir lìonmhorachd a thròcairean.
33
Oir cha chlaoidh e da dheòin, cha mhò a chràidheas e clann nan daoine.
34
Prìosanaich na talmhainn uile a bhruthadh fo a chasan.
35
Còir duine a thionndadh a lethtaobh, fa chomhair gnùis an Tì as àirde,
36
Eucoir a dhèanamh air duine na chùis, cha taitneach leis an Tighearna.
37
Cò esan a their, agus gun tig e gu crìch, nuair nach àithn an Tighearna?
38
Nach ann o òrdagh an Tì as ro‑àirde a thig olc agus math?
39
Cuime an dèan duine beò gearan, duine airson smachdachadh a pheacaidh?
40
Rannsaicheamaid agus dearbhamaid ar slighean, agus tilleamaid a‑rìs a dh’ionnsaigh an Tighearna.
41
Togamaid suas ar cridhe maille ri ar làmhan ri Dia anns na nèamhan.
42
Pheacaich sinne agus rinn sinn ar‑a‑mach, agus cha do mhaith thusa.
43
Chuartaich thu le feirg, agus gheur‐lean thu sinn; mharbh thu, cha do ghabh thu truas.
44
Chòmhdaich thu thu fhèin le neul, ionnas nach rachadh ùrnaigh troimhe.
45
Rinn thu sinn nar salchar agus nar diù am measg an t‑sluaigh.
46
Dh’fhosgail ar naimhdean uile am beul nar n‑aghaidh.
47
Thàinig eagal agus ribe oirnn, fàsalachd agus milleadh.
48
Tha mo shùil a’ sileadh sìos le sruthan uisge airson lèirsgrios nighean mo shluaigh.
49
Tha mo shùil a’ sileadh sìos gun chasgadh agus gun sgur.
50
Gus an seall an Tighearna a‑nuas, agus gun amhairc e o nèamh.
51
Tha mo shùil a’ cur doilgheis air mo chridhe, airson uile nigheanan mo chathrach.
52
Ruaig mo naimhdean mi gu geur, mar eun, gun adhbhar.
53
Gheàrr iad as m’anam anns a’ phrìosan, agus chuir iad clach orm.
54
Chaidh uisgeachan thar mo cheann mar thuil; thubhairt mi, Tha mi air mo ghearradh as.
55
Ghairm mi air d’ainm‐sa, a Thighearna, as an t‑sloc ìochdarach.
56
Chuala tu mo ghuth; na cùm do chluas om athchuinge agus om ghlaodh.
57
Tharraing thu am fagas anns an là anns an do ghairm mi ort: thubhairt thu, Na biodh eagal ort.
58
Thagair thusa, O Thighearna, cùisean m’anama; shaor thu mo bheatha.
59
Chunnaic thusa, O Thighearna, m’àmhghar; cùm thusa còir rium.
60
Chunnaic thu an uile dhìoghaltas, an uile innleachdan ann am aghaidh.
61
Chuala tu am masladh, O Thighearna, an uile innleachdan ann am aghaidh;
62
Bile na muinntir a dh’èirich suas am aghaidh, agus am borbhanaich ann am aghaidh fad an là.
63
Feuch an suidhe sìos, agus an èirigh suas; is mise an ceòl.
64
Bheir thusa luigheachd dhaibh, O Thighearna, a rèir obair an làmh.
65
Bheir thu doilgheas cridhe dhaibh, nì thu am mallachadh.
66
Ruaigidh tu ann am feirg, agus sgriosaidh tu iad o bhith fo nèamhan an Tighearna.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5