bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Matthew 11
Matthew 11
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 12 →
1
Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa a àitheantan a thabhairt da dhà‐dheisciobal‐deug, gun d’imich e as a sin a theagasg agus a shearmonachadh nam bailtean.
2
A‑nis nuair a chuala Eòin anns a’ phrìosan gnìomharan Chrìosd, chuir e dithis de a dheisciobail da ionnsaigh,
3
Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?
4
Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Imichibh agus innsibh do Eòin na nithean a tha sibh a’ cluinntinn agus a’ faicinn:
5
Tha na doill a’ faotainn am fradhairc, agus na bacaich ag imeachd, tha na lobhair air an glanadh, agus na bodhair a’ cluinntinn, tha na mairbh air an dùsgadh, agus an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.
6
Agus is beannaichte an tì nach faigh oilbheum annamsa.
7
Agus air imeachd dhaibhsan air falbh, thòisich Iosa air labhairt ris an t‑sluagh mu thimcheall Eòin, ag ràdh, Ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach don fhàsach a dh’fhaicinn? An i cuilc air a crathadh le gaoith?
8
Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e duine air a sgeadachadh ann an aodach mìn? Feuch, a’ mhuinntir a chaitheas aodach mìn, is ann an taighean nan rìghrean a tha iad.
9
Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e fàidh? Seadh, tha mi ag ràdh ribh, agus nas mò na fàidh.
10
Oir is e seo an tì mum bheil e sgrìobhte, Feuch, cuiridh mise mo theachdaire rod ghnùis, a dh’ullaicheas do shlighe romhad.
11
Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nam measg‐san a rugadh le mnathan, nach d’èirich neach as mò na Eòin Baistidh: gidheadh, an tì sin as lugha ann an rìoghachd nèimh, is mò e na esan.
12
Agus o làithean Eòin Baistidh gus a‑nis, tha rìoghachd nèimh a’ fulang ainneirt, agus luchd na h‑ainneirt ga glacadh le làmhachas‐làidir.
13
Oir rinn na fàidhean uile agus an lagh fàidheadaireachd gu àm Eòin.
14
Agus mas toigh leibh a ghabhail, is e seo Elias a bha ri teachd.
15
Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.
16
Ach cò ris a shamhlaicheas mise an ginealach seo? Is cosmhail e ri cloinn a shuidheas anns a’ mhargadh, agus ag èigheach rin companaich,
17
Agus ag ràdh, Rinn sinne pìobaireachd dhuibhse, ach cha do rinn sibhse dannsa: rinn sinne tuireadh dhuibhse, ach cha do rinn sibhse gul.
18
Oir thàinig Eòin chan ann ag ithe no ag òl, agus tha iad ag ràdh, Tha deamhan aige.
19
Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl, agus tha iad ag ràdh, Feuch, duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs‐mhaor agus pheacach: ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn.
20
An sin thòisich e air achmhasan a thabhairt do na bailtean anns am mò an do rinneadh de a obraichean cumhachdach, airson nach do rinn iad aithreachas.
21
Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin; is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fada on a rinn iad aithreachas ann an sac‐aodach agus an luaithre.
22
Ach tha mi ag ràdh ribh gum bi staid Thìruis agus Shìdoin nas so‑iomchaire ann an là a’ bhreitheanais na bhios ur staid‐se.
23
Agus thusa, a Chapernàum, a tha air do thogail suas gu nèamh, tilgear sìos gu ifrinn thu: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annadsa air an dèanamh ann an Sòdom, dh’fhan e gun a sgrios gus an‑diugh.
24
Ach tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do fhearann Shòdoim ann an là a’ bhreitheanais na dhutsa.
25
Anns an àm sin fhreagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus gun d’fhoillsich thu iad do leanaban.
26
Seadh, Athair, do bhrìgh gum b’ann mar sin a bha do dheagh thoil‐sa.
27
Tha na h‑uile nithean air an tabhairt thairis dhòmhsa lem Athair: agus chan aithne do neach air bith am Mac, ach don Athair: cha mhò as aithne do neach air bith an t‑Athair, ach don Mhac, agus do gach aon don àill leis a’ Mhac a fhoillseachadh.
28
Thigibh am ionnsaigh‐sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.
29
Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman.
30
Oir tha mo chuing‐sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28