bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Matthew 3
Matthew 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 4 →
1
Agus anns na làithean sin thàinig Eòin Baistidh, a’ searmonachadh ann am fàsach Iudèa,
2
Agus ag ràdh, Gabhaibh aithreachas: oir tha rìoghachd nèimh am fagas.
3
Oir is e seo an tì ud mun do labhair Esaias am fàidh, ag ràdh, Guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach.
4
Agus bha a’ chulaidh aig Eòin de fhionnadh chàmhal, agus crios leathair aige timcheall a leasraidh; agus is e bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich.
5
Chaidh Ierusalem a‑mach da ionnsaigh an sin agus Iudèa uile, agus luchd‐àiteachaidh na dùthcha timcheall Iòrdain uile,
6
Agus bhaisteadh iad leis‐san ann an Iòrdan, ag aideachadh am peacaidhean.
7
Ach nuair a chunnaic e mòran de na Pharasaich agus de na Sadusaich a’ teachd a‑chum a bhaistidh‐san, thubhairt e riu, A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on fheirg a tha ri teachd?
8
Air an adhbhar sin, thugaibh a‑mach toradh iomchaidh don aithreachas.
9
Agus na smaoinichibh a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan sin.
10
Agus a‑nis tha an tuagh air a cur ri freumh nan crann: air an adhbhar sin, ge bè crann nach toir a‑mach toradh math, gearrar sìos e, agus tilgear anns an teine e.
11
Gu deimhinn tha mise gur baisteadh le uisge a‑chum aithreachais; ach an tì a thig am dhèidh, is cumhachdaiche e na mi, agus chan airidh mise air a bhrògan a ghiùlan: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine:
12
Aig a bheil a’ ghuit na làimh, agus glanaidh e gu ro‑bhuileach a ùrlar‐bualaidh, agus cruinnichidh e a chruithneachd da thaigh‐tasgaidh; ach loisgidh e am moll le teine nach faodar a mhùchadh.
13
An sin thàinig Iosa o Ghalile gu Iòrdan a dh’ionnsaigh Eòin, a‑chum gum biodh e air a bhaisteadh leis.
14
Ach bhac Eòin e, ag ràdh, Tha feum agamsa a bhith air mo bhaisteadh leatsa, agus a bheil thusa a’ teachd am ionnsaigh‐sa?
15
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Leig don chùis a bhith mar seo a‑nis: oir mar seo is iomchaidh dhuinn gach uile fhìreantachd a choileanadh. An sin dh’fhuiling e dha.
16
Agus nuair a bhaisteadh Iosa, chaidh e air ball suas as an uisge; agus, feuch, dh’fhosgladh nèamh dha, agus chunnaic e Spiorad Dhè a’ tùirling mar chalaman, agus a’ teachd air:
17
Agus, feuch, guth o nèamh, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr‐thlachd.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28