bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Matthew 22
Matthew 22
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 21
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 23 →
1
Agus fhreagair Iosa, agus labhair e riu a‑rìs ann an cosamhlachdan, ag ràdh,
2
Is cosmhail rìoghachd nèimh ri rìgh àraidh, a rinn cuirm phòsaidh da mhac fhèin;
3
Agus chuir e a sheirbhisich a ghairm na muinntir a fhuair cuireadh a‑chum na bainnse: ach cha b’àill leòsan teachd.
4
A‑rìs, chuir e dan ionnsaigh seirbhisich eile, ag ràdh, Abraibh‐se ris a’ mhuinntir don tugadh cuireadh, Feuch, dheasaich mi mo dhìnnear: tha mo dhaimh agus mo sprèidh bhiadhte air am marbhadh, agus tha na h‑uile nithean ullamh; thigibh a‑chum na bainnse.
5
Ach chuir iadsan an suarachas e, agus dh’imich iad romhpa, fear dhiubh gu a fhearann, agus fear eile a‑chum a cheannachd:
6
Agus rug a’ chuid eile dhiubh air a sheirbhisich, agus thug iad masladh dhaibh, agus mharbh iad iad.
7
Ach nuair a chuala an rìgh seo ghabh e fearg; agus chuir e a armailtean uaithe, agus sgrios e an luchd‐mortaidh sin, agus loisg e am baile‐san.
8
An sin thubhairt e ra sheirbhisich, Gu fìrinneach tha a’ bhanais ullamh; gidheadh an dream a fhuair cuireadh, cha b’airidh iad air.
9
Air an adhbhar sin imichibh‐se gus na rathaidean mòra, agus a mheud is a gheibh sibh, cuiribh iad a‑chum na bainnse.
10
Agus chaidh na seirbhisich sin a‑mach air na rathaidean, agus chruinnich iad gach uile neach a fhuair iad eadar olc agus mhath: agus lìonadh taigh na bainnse le muinntir a shuidh a‑chum bìdh.
11
Agus air dol a‑steach don rìgh a dh’fhaicinn nan aoidhean, chunnaic e an sin duine aig nach robh trusgan na bainnse uime:
12
Agus thubhairt e ris, A charaid, cionnas a thàinig thusa a‑steach an seo, gun trusgan na bainnse umad? Ach dh’fhan esan na thosd.
13
An sin thubhairt an rìgh ris na seirbhisich, Air a cheangal dhuibh eadar chasan agus làmhan, togaibh leibh e, agus tilgibh e anns an dorchadas iomallach: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.
14
Oir tha mòran air an gairm, ach beagan air an taghadh.
15
An sin dh’imich na Pharasaich, agus ghabh iad comhairle cionnas a dh’fhaodadh iad esan a ribeadh na chainnt.
16
Agus chuir iad da ionnsaigh an deisciobail fhèin maille ri luchd‐leanmhainn Heroid, ag ràdh, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìor, agus gu bheil thu a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn, agus nach eil suim agad de dhuine sam bith: oir chan eil thu ag amharc air pearsa dhaoine.
17
Uime sin innis dhuinne do bharail, A bheil e ceadaichte cìs a thabhairt do Chèasar, no nach eil?
18
Ach air tuigsinn am mìoruin do Iosa, thubhairt e, Carson a tha sibh gam bhuaireadh, a chealgairean?
19
Nochdaibh dhòmhsa airgead na cìse. Agus thug iad da ionnsaigh pèighinn.
20
Agus thubhairt e riu, Cò dha a bhuineas an dealbh seo, agus an sgrìobhadh a tha ma thimcheall?
21
Thubhairt iadsan ris, Do Chèasar. An sin thubhairt esan riu, Thugaibh uime sin do Chèasar na nithean as le Cèasar; agus do Dhia na nithean as le Dia.
22
Agus nuair a chuala iad seo, ghabh iad iongantas, agus dh’fhàg iad e, agus dh’imich iad romhpa.
23
Air an là sin fhèin thàinig da ionnsaigh na Sadusaich, a their nach eil aiseirigh ann, agus chuir iad ceist air.
24
Ag ràdh, A Mhaighistir, thubhairt Maois, Ma gheibh duine bàs gun chlann aige, gur còir da bhràthair a bhean‐san a phòsadh de dhlighe dàimhe, agus sliochd a thogail da bhràthair.
25
A‑nis bha seachdnar bhràithrean nar measg‐ne; agus air don chiad fhear dhiubh bean a phòsadh, fhuair e bàs, agus do bhrìgh nach robh sliochd aige, dh’fhàg e a bhean da bhràthair.
26
Agus thachair mar an ceudna don dara, agus don treas bràthair, gu ruig an seachdamh.
27
Agus nan dèidh uile fhuair a’ bhean bàs mar an ceudna.
28
Air an adhbhar sin, anns an aiseirigh cò den t‑seachdnar dom bean i? Oir bha i aca uile.
29
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Tha sibh air seachran, gun eòlas agaibh air na sgriobtairean, no air cumhachd Dhè:
30
Oir anns an aiseirigh cha dèan iad pòsadh, cha mhò a bheirear ann am pòsadh iad; ach tha iad mar aingil Dhè air nèamh.
31
Ach mu thimcheall aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an nì sin a labhradh ribh le Dia, ag ràdh,
32
Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib? Chan e Dia Dia nam marbh, ach nam beò.
33
Agus nuair a chuala am poball seo, ghabh iad iongantas ra theagasg‐san.
34
Ach nuair a chuala na Pharasaich gun do chuir e na Sadusaich nan tosd, chruinnicheadh iad an ceann a chèile.
35
An sin chuir neach àraidh dhiubh, a bha na fhear‐teagaisg an lagha, ceist air, ga dhearbhadh, agus ag ràdh,
36
A Mhaighistir, cia i an àithne as mò anns an lagh?
37
Thubhairt Iosa ris, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile inntinn.
38
Is i seo a’ chiad àithne agus an àithne mhòr.
39
Agus is cosmhail an dara rithe seo, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.
40
Air an dà àithne seo tha an lagh uile agus na fàidhean an crochadh.
41
Ach air do na Pharasaich a bhith cruinn an ceann a chèile, dh’fheòraich Iosa dhiubh,
42
Ag ràdh, Ciod i ur barail‐se mu thimcheall Chrìosd? Cò dom mac e? Thubhairt iadsan ris, Do Dhaibhidh.
43
Thubhairt esan riu, Cionnas mas eadh a ghoireas Daibhidh anns an spiorad a Thighearna dheth, ag ràdh,
44
Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh air mo làimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan?
45
Air an adhbhar sin, ma ghoireas Daibhidh a Thighearna dheth, cionnas as mac dha e?
46
Agus cha b’urrainn aon neach freagradh sam bith a thabhairt air; cha mhò a bha chridhe aig aon neach, on là sin suas, nì air bith fheòrach dheth.
← Chapter 21
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 23 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28