bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Micah 1
Micah 1
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 2 →
1
Facal an Tighearna, a thàinig gu Micah am Morastach, ann an làithean Iotaim, Ahais, agus Heseciah, rìghrean Iùdah; a chunnaic e a‑thaobh Shamaria agus Ierusaleim.
2
Èisdibh, O shlòigh, an t‑iomlan dhibh: thoir fa‑near, O thalaimh, agus na h‑uile a tha ann; agus biodh an Tighearna Iehòbhah na fhianais nur n‑aghaidh, an Tighearna as a theampall naomh.
3
Oir feuch, thig an Tighearna a‑mach as a àite; agus thig e a‑nuas, agus saltraidh e air ionadan àrda na talmhainn.
4
Agus leaghar na slèibhtean foidhe, agus sgoiltear na glinn: mar chèir fa chomhair an teine, mar uisgeachan a dhòirtear thar bruaich chorraich.
5
Airson easaontas Iàcoib tha seo uile, agus airson lochdan taigh Israeil. Ciod e easaontas Iàcoib? Nach e Samaria? Agus ciod iad ionadan àrda Iùdah? Nach iad sin a tha ann an Ierusalem?
6
Uime sin nì mise Samaria na càrn anns a’ mhachair, na h‑àit airson suidheachadh fhìonlios; agus taomaidh mi sìos a clachan don ghleann, agus leigidh mi ris a bunaitean.
7
Agus brisear a dealbhan snaidhte gu lèir nam bloighdean, agus loisgear a tuarasdal gu lèir le teine, agus an t‑iomlan de a h‑iodhalan leagaidh mise sìos nan làraich: oir de thuarasdal strìopaich chruinnich i a h‑ionmhasan; agus gu tuarasdal strìopaich tillidh iad.
8
Air an adhbhar sin nì mise caoidh agus àrd‐ghul; siùbhlaidh mi rùisgte agus lomnochd: nì mi caoidh mar na dràgoin, agus cumha mar nigheanan na caillich‐oidhche.
9
Oir tha a creuchd do‑leigheas, oir thàinig i gu Iùdah; thàinig i gu geata mo shluaigh‐sa, gu Ierusalem.
10
Na cuiribh an cèill e ann an Gat; na guilibh air aon chor; ann an taigh Aphrah aornagain thu fhèin anns an luaithre.
11
Imich air falbh, a bhean‐àiteachaidh Shaphir, led nàire air a leigeadh ris: cha deachaidh luchd‐àiteachaidh Shanam a‑mach gu tuireadh: O Bheteseil, gheibh e uaibhse àite‐seasaimh.
12
Gu dearbh tha bean‐àiteachaidh Mharoit a’ feitheamh airson maith; gu dearbh thàinig olc a‑nuas on Tighearna gu geata Ierusaleim.
13
Ceangail an carbad ris an each luath, O thusa a tha ag àiteachadh Lacheis. B’ise bu toiseach peacaidh do nighinn Shioin: oir annadsa fhuaireadh easaontais Israeil.
14
Uime sin bheir thu tìodhlacan do Mhoreset‐Gat: bidh taighean Achsib nam mealladh do rìghrean Israeil.
15
Agus bheir mise oighre ad ionnsaigh‐sa, O bhean‐àiteachaidh Mharesah; thig e gu Adulam, glòir Israeil.
16
Dèan maol thu fhèin, agus dèan do bhearradh airson do chloinn àillidh; sgaoil, mar an iolair, do mhaoile; oir dh’fhalbh iad uat ann am braighdeanas.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7