bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Micah 6
Micah 6
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 7 →
1
Èisdibh‐se a‑nis ciod a tha an Tighearna ag ràdh: Eirich, tagair fa chomhair nam beann, agus cluinneadh na cnuic do ghuth.
2
Eisdibh‐se, O shlèibhtean, còmhstri an Tighearna; agus sibhse, a bhunaitean làidir na talmhainn: oir tha còmhstri aig an Tighearna ra shluagh, agus tagraidh e ri Israel.
3
O mo shluagh, ciod a rinn mise ort? Agus ciod anns an do sgìthich mi thu? Tog fianais am aghaidh.
4
Oir thug mi a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit; agus à taigh nan tràillean shaor mi thu; agus chuir mi romhad Maois, Aaron, agus Miriam.
5
O mo shluagh, cuimhnich a‑nis ciod a’ chomhairle a ghabh Balac rìgh Mhòaib; agus ciod am freagradh a thug Balàam mac Bheoir dha, o Shitim gu Gilgal; a‑chum gun aithnich sibh fìreantachd an Tighearna.
6
Ciod leis an tig mi ann am fianais an Tighearna; leis an strìochd mi mi fhèin an làthair an Dè as àirde? An tig mi na fhianais le ìobairtean‐loisgte; le laoigh a bhios bliadhna a dh’aois?
7
Am bi an Tighearna toilichte le mìltean de reitheachan, le deich mìltean de shruthan ola? An toir mi mo chiad‐ghin airson mo chionta; toradh mo chuirp airson cionta m’anama?
8
Dh’fheuch e dhut, O dhuine, ciod a tha math; agus ciod a tha an Tighearna ag iarraidh ort, ach ceartas a dhèanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus gluasad gu h‑iriosal maille rid Dhia?
9
Tha guth an Tighearna a’ glaodhaich ris a’ bhaile, agus bheir an duine glic fa‑near d’ainm: èisdibh‐se an t‑slat, agus an Tì a dh’òrdaich i.
10
A bheil fhathast ionmhasan na h‑aingidheachd ann an taigh an droch dhuine; agus an tomhas gann a tha gràineil?
11
Am meas mise glan i leis na meidhean eucorach, agus le màla nan tomhaisean cealgach?
12
Aig a bheil a daoine beartach làn ainneirt; agus labhair a luchd‐àiteachaidh breugan; agus tha an teanga cealgach nam beul.
13
Uime sin tionnsganaidh mise air do bhualadh, air do dhèanamh fàs airson do lochdan.
14
Ithidh tu, ach cha sàsaichear thu; agus bidh do leagadh ann ad mheadhon; agus gabhaidh tu greim, ach cha ghlèidh thu: agus an nì sin a ghlèidheas tu, bheir mise don chlaidheamh.
15
Cuiridh tu, ach cha bhuain thu: bruthaidh tu meas a’ chroinn‐ola, ach chan ung thu thu fhèin le ola; agus dearcan an fhìon nuaidh, ach chan òl thu fìon.
16
Oir choimhead thu reachdan Omri, agus uile obraichean taigh Ahaib; agus tha sibh ag imeachd nan comhairlean; a‑chum gun dèanainn‐sa na h‑ionad fàs i, agus a luchd‐àiteachaidh nan sgeig; agus gun giùlain sibhse masladh mo shluaigh‐sa.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7