bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Micah 2
Micah 2
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 3 →
1
Is truagh dhaibhsan a tha a’ dealbh aingidheachd, agus a’ cur an gnìomh uilc air an leapaichean; nuair a shoillsicheas a’ mhadainn tha iad ga dhèanamh, a chionn gu bheil e an comas an làimhe.
2
Agus tha iad a’ sanntachadh mhachraichean, agus gan glacadh le fòirneart; agus thaighean, agus tha iad gan toirt air falbh: mar sin tha iad a’ sàrachadh duine agus a thaighe, duine mhòir agus a oighreachd.
3
Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, an aghaidh an teaghlaich seo tha mise a’ dealbh uilc o nach buin sibh air falbh ur muineil, cha mhò a dh’imicheas sibh gu h‑uaibhreach: oir is aimsir olc seo.
4
Anns an là sin togar cosamhlachd nur n‑aghaidh, agus nìthear tuireadh le cumha bhrònaich, ag ràdh, Tha sinn gu tur air ar creachadh; dh’atharraich e cuibhreann mo shluaigh: cionnas a dh’atharraich e uam e? Roinn e ar machraichean, a shaoil sinn a bhiodh air an aiseag dhuinn fhèin.
5
Gu dearbh cha bhi aon neach agad a shìneas a‑mach sreang le crannchur ann an coitheanal an Tighearna.
6
Na dèanaibh‐se fàistneachd, O sibhse a tha ri fàistneachd: cha dèan iad fàistneachd dhaibh; cha toir esan air falbh am masladh.
7
A bheil taigh Iàcoib ag ràdh, A bheil Spiorad an Tighearna air a chumhangachadh? An iad seo a ghnìomharan? Nach eil mo bhriathran‐sa a’ dèanamh maith don neach a ghluaiseas gu h‑ionraic?
8
Ach o chionn fhada dh’èirich mo shluagh suas mar nàmhaid: tha sibh a’ spìonadh na fallaing, maille ris an trusgan, on mhuinntir a tha ag imeachd seachad gu tèarainte, mar dhaoine gun spèis de chogadh.
9
Mnathan mo phobaill thilg sibh a‑mach on taighean taitneach; on cloinn thug sibh air falbh mo ghlòir gu bràth.
10
Èiribh, agus imichibh, oir chan i seo ur còmhnaidh: a chionn gu bheil e air a shalachadh, sgriosar e; agus bidh an sgrios mòr.
11
Ma nì duine sam bith, ag imeachd ann an spiorad brèige, agus ceilg, fàistneachd dhut airson fìona agus airson dibhe làidir, bidh eadhon esan na fhàidh don t‑sluagh seo.
12
Cruinnichidh mi gu cinnteach, O Iàcoib, an t‑iomlan dhìotsa: cruinnichidh mi gu cinnteach iarmad Israeil; cuiridh mi iad ri chèile mar chaoraich Bhosrah, mar threud ann am meadhon am mainnireach: nì iad faram mòr le lìonmhorachd dhaoine.
13
Thàinig am fear‐brisidh a‑nìos romhpa, bhris iad an geata, agus chaidh iad troimhe agus chaidh iad a‑mach da thrìd; agus siùbhlaidh an rìgh air an toiseach, eadhon an Tighearna air an ceann.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7