bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Zechariah 11
Zechariah 11
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 12 →
1
Fosgail do dhorsan, O Lebanoin, a‑chum gun loisg an teine do sheudair.
2
Guil gu h‑àrd, O chraobh ghiuthais, oir thuit an seudar; oir tha iadsan a b’àirde air am milleadh: dèanaibh gul, O dharagan Bhasain; oir ghearradh frìth na callaid.
3
Guth ulartaich nam buachaillean! A chionn gu bheil an glòir air a milleadh. Guth beucach nan leòmhann òga! Oir tha uabhar Iòrdain air a chreachadh.
4
Mar seo thubhairt an Tighearna, mo Dhia, Beathaich thusa treud a’ chasgraidh,
5
A tha an sealbhadairean a’ marbhadh, agus gam meas fhèin neo‐chiontach: agus tha iadsan a tha gan reic ag ràdh, Beannaichte gu robh an Tighearna, oir tha mi saoibhir: agus chan eil truas aig an aodhairean fhèin dhiubh.
6
Oir cha ghabh mise nas mò truas de luchd‐àiteachaidh na tìre, tha an Tighearna ag ràdh; ach feuch, bheir mi thairis daoine, gach aon do làimh a choimhearsnaich, agus do làimh a rìgh; agus buailidh iad am fearann, agus cha saor mi as an làimh.
7
Agus beathaichidh mi treud a’ chasgraidh, eadhon sibhse, a bhochdan an treud. Agus ghabh mi am ionnsaigh dà luirg: air aon dhiubh thug mi mar ainm Maise, agus air aon eile thug mi mar ainm Cuibhrichean; agus bheathaich mi an treud.
8
Trì aodhairean fòs gheàrr mi as ann an aon mhìos; agus bha gràin aig m’anam‐sa dhiubhsan, agus bha fuath aig an anam‐san dhòmhsa.
9
An sin thubhairt mi, Cha bheathaich mi sibh; an nì sin a bhàsaicheas, bàsaicheadh e; agus an nì sin a tha gu bhith air a ghearradh as, biodh e air a ghearradh as: agus itheadh a’ chuid eile gach aon feòil a chèile.
10
Agus ghabh mi mo lorg, eadhon Maise, agus gheàrr mi na bloighdean i, a‑chum gum brisinn mo choicheangal a rinn mi ris an slòigh uile.
11
Agus bhriseadh e anns an là sin: agus mar sin dh’aithnich bochdan an treud a thug an aire dhomh gum b’e sin facal an Tighearna.
12
Agus thubhairt mi riu, Ma chìthear ceart dhuibh, thugaibh dhomh mo luach; agus mura faicear, leigibh leis: mar sin thomhais iad airson mo luach, deich‐buinn‐fhichead airgid.
13
Agus thubhairt an Tighearna rium, Tilg a‑chum a’ chreadhadair e: an luach ciatach leis an robh mise air mo mheas leòsan! Agus ghabh mi na deich‐buinn‐fhichead airgid, agus thilg mi iad ann an taigh an Tighearna, a‑chum a’ chreadhadair.
14
Agus gheàrr mi as a chèile mo lorg eile, eadhon Cuibhrichean; a‑chum gum brisinn am bràithreachas eadar Iùdah agus Israel.
15
Agus thubhairt an Tighearna rium a‑rìs, Gabh ad ionnsaigh fhathast innealan buachaille amaidich:
16
Oir feuch, togaidh mise suas buachaille anns an fhearann, nach seall an dèidh an nì sin a ghearrar as: nach iarr a’ chuid a tha òg; agus nach leighis a’ chuid a fhuair dochann; cha mhò a bheathaicheas e a’ chuid a sheas: ach ithidh e feòil na cuid a tha reamhar, agus reubaidh e an crodhain nam bloighdean.
17
Is truagh don droch bhuachaille a dh’fhàgas an treud: thig sgrios air a ghàirdean, agus air a shùil dheis; seargaidh a ghàirdean gu tur, agus dorchaichear a shùil dheas gu h‑iomlan.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14