bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Zechariah 4
Zechariah 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 5 →
1
Agus thàinig an t‑aingeal a labhair rium a‑rìs, agus dhùisg e mi, mar dhuine air a dhùsgadh as a chadal.
2
Agus thubhairt e rium, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus thubhairt mise, Dh’amhairc mi, agus, feuch, coinnleir uile de òr, le a chupan air a mhullach, agus a sheachd lòchrain air, agus seachd feadain gus na seachd lòchrain a tha air a mhullach;
3
Agus dà chrann‐ola làimh ris, aon air taobh deas a’ chupain, agus aon air a thaobh clì.
4
An sin fhreagair mi, agus labhair mi ris an aingeal a bha ri còmhradh rium, ag ràdh, Ciod iad seo, mo thighearna?
5
Agus fhreagair an t‑aingeal a bha a’ labhairt rium, agus thubhairt e rium, Nach eil fhios agad ciod iad seo? Agus thubhairt mise, Chan eil, mo thighearna.
6
An sin fhreagair e agus labhair e rium, ag ràdh, Is e seo facal an Tighearna ri Serubabel, ag ràdh, Chan ann le neart, no le cumhachd, ach lem spiorad‐sa, deir Tighearna nan sluagh.
7
Cò thusa, O shlèibh mhòir? Ro Sherubabel fàsaidh tu ad chòmhnard; agus bheir e a‑mach a’ chlach‐chinn le iolaich, a’ glaodhaich, Gràs, gràs gu robh dhi.
8
Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh‐sa, ag ràdh,
9
Leag làmhan Sherubabeil stèidh an taighe seo; nì a làmhan fòs a chrìochnachadh: agus bidh fhios agaibh gun do chuir Tighearna nan sluagh mise dur n‑ionnsaigh.
10
Oir cò a rinn dìmeas air là nan nithean beaga? Nì eadhon iadsan gàirdeachas, agus chì iad an t‑sreang‐thomhais an làimh Sherubabeil. Is iad an t‑seachdnar seo sùilean an Tighearna; tha iad a’ ruith sìos agus suas air feadh na talmhainn uile.
11
An sin fhreagair mise, agus thubhairt mi ris, Ciod iad an dà chrann‐ola seo air taobh deas a’ choinnleir, agus air a thaobh clì?
12
Agus fhreagair mi a‑rìs, agus thubhairt mi ris, Ciod iad dà ghèig nan crann‐ola, a tha làimh ris an dà fheadan òir a’ taomadh na h‑ola asda fhèin?
13
Agus fhreagair e mi, agus thubhairt e, Nach eil fhios agad ciod iad seo? Agus thubhairt mise, Chan eil, mo thighearna.
14
An sin thubhairt esan, Is iad seo an dithis ungte a tha nan seasamh làimh ri Tighearna na talmhainn uile.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14