bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Zechariah 2
Zechariah 2
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 3 →
1
Thog mi suas mo shùilean a‑rìs, agus dh’amhairc mi; agus, feuch, fear le sreing‐thomhais na làimh.
2
An sin thubhairt mise, Càit a bheil thu a’ dol? Agus thubhairt e rium, A thomhas Ierusaleim a dh’fheuchainn ciod e a leud, agus ciod e a fad.
3
Agus, feuch, chaidh an t‑aingeal a labhair rium a‑mach, agus chaidh aingeal eile a‑mach na chòdhail.
4
Agus thubhairt e ris, Ruith, labhair ris an òganach sin, ag ràdh, Bidh Ierusalem air a h‑àiteachadh mar bhailtean gun bhallachan, le lìonmhorachd nan daoine agus na sprèidhe a bhios innte.
5
Oir bidh mise, tha an Tighearna ag ràdh, ann am bhalla teine dhi mun cuairt, agus bidh mi ann am ghlòir na meadhon.
6
Ho! ho! thigibh agus teichibh on tìr mu thuath, tha an Tighearna ag ràdh; oir ri ceithir gaothan an adhair sgaoil mise sibh a‑mach, deir an Tighearna.
7
Ho! a Shioin, tàrr as, O thusa a tha a chòmhnaidh maille ri nighinn Bhàbiloin.
8
Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, An dèidh na glòire seo chuir e mise a‑chum nan cinneach a chreach sibhse; oir an tì a bheanas ribhse, beanaidh e ri cloich a shùla‑san.
9
Oir feuch, crathaidh mise mo làmh orra, agus bidh iad nan cobhartaich dan tràillean: agus aithnichidh sibhse gun do chuir Tighearna nan sluagh fios leamsa.
10
Seinn, agus dèan gàirdeachas, O nighean Shioin; oir feuch, tha mise a’ teachd, agus gabhaidh mi còmhnaidh ann ad mheadhon, deir an Tighearna.
11
Agus bidh mòran chinneach air an cur ris an Tighearna anns an là sin, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa: agus gabhaidh mise còmhnaidh ann ad mheadhon; agus bidh fhios agad gun do chuir Tighearna nan sluagh mise ad ionnsaigh.
12
Agus sealbhaichidh an Tighearna Iùdah, a chuibhreann, anns an fhearann naomh; agus roghnaichidh e Ierusalem a‑rìs.
13
Bi tosdach, O uile fheòil, an làthair an Tighearna: oir tha e air a thogail suas o a ionad‐còmhnaidh naomh.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14