bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Hebrews 2
Hebrews 2
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 3 →
1
Air an adhbhar sin, feumaidh sinn barrachd aire a thoirt dha na rudan a chuala sinn, air eagal 's gun èalaidh sinn air falbh.
2
Oir ma chaidh am facal a thuirt na h‑ainglean a dhaingneachadh is gun d' fhuair a h‑uile briseadh‑lagha is eas‑ùmhlachd ath‑dhìoladh dligheach;
3
ciamar a gheibh sinn dol‑às ma nì sinn dearmad air sàbhaladh cho mòr? Às dèidh dha a bhith air aithris leis an Tighearna, chaidh a dhaingneachadh dhuinn leothasan a chuala e.
4
Thug Dia fianais orrasan an dà chuid le comharraidhean 's le iongantasan agus caochladh ghnìomhan cumhachdach 's tiodhlacan an Spioraid Naoimh, a rèir a thoil fhèin.
5
Oir cha do chuir e an saoghal a tha ri thighinn 's air a bheil sinn a' bruidhinn fo smachd ainglean
6
ach thug cuideigin làn‑theisteanas an àiteigin ag ràdh: “Dè th' anns an duine gu bheil thu a' cuimhneachadh air, no mac an duine, gu bheil thu a' sealltainn air?
7
Rinn thu e beagan na b' ìsle na na h‑ainglean airson greis, chrùn thu e le glòir is onair,
8
cheannsaich thu a h‑uile sìon fo a chasan.” Oir a' smachdachadh a h‑uile sìon fo a chasan, cha do dh'fhàg e sìon gun a chur fodhasan. Ach thuige seo, chan eil sinn fhathast a' faicinn a h‑uile sìon fon smachd aige.
9
Ach chì sinn Ìosa, a chaidh a dhèanamh airson greiseig na b' ìsle na na h‑ainglean, air a chrùnadh le glòir 's le onair tro fhulangas a' bhàis airson 's gum blaiseadh e am bàs airson a h‑uile duine tro ghràs Dhè.
10
Oir bha e freagarrach dhàsan, dham bheil a' h‑uile sìon 's trom bheil a h‑uile sìon, esan a dhèanamh foirfe a tha a' toirt iomadh mac gu glòir 's a tha na ùghdar dhen t‑sàbhalaidh tro fhulangasan.
11
Oir tha an dà chuid — esan a tha a' naomhachadh 's iadsan a th' air an naomhachadh — uile on aon fhear; air an adhbhar sin chan eil nàire air ‘bràithrean’ a ghabhail orra,
12
ag ràdh: “Cuiridh mi d' ainm an cèill dham bhràithrean; ann am meadhan na h‑eaglaise, seinnidh mi cliù dhut.”
13
Agus a‑rithist: “Cuiridh mi mo dhòchas ann.” Agus a‑rithist: “Seall, mise 's a' chlann a thug Dia dhomh.”
14
A nis, ma‑thà, a chionn 's gu bheil compàirteachadh dhe fhuil 's dhe fheòil aig a' chloinn, san aon dòigh, ghabh esan cuideachd pàirt sna h‑aon rudan, airson 's, tron bhàs, gun sgriosadh e esan aig an robh cumhachd a' bhàis — 's e sin an diabhal —
15
agus gun saoradh e iadsan, a bha, tro eagal a' bhàis, fo dhaorsa fad am beatha gu lèir.
16
Oir gu deimhinn cha do rinn e e fhèin na aingeal, ach na bhall de shìol Abrahàim.
17
Air an adhbhar sin, bha e mar fhiachaibh air a bhith air a dhèanamh coltach ri a bhràithrean sa h‑uile sìon, airson 's gum biodh e na àrd‑shagart tròcaireach agus dìleas anns na bhuineadh do Dhia, gus rèite a dhèanamh airson pheacaidhean an t‑sluaigh.
18
Oir, a chionn 's gun do dh'fhuiling e fhèin 's gun deach a bhuaireadh, tha e comasach air iadsan a tha fo bhuaireadh a chuideachadh.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13