bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Hebrews 5
Hebrews 5
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 6 →
1
Oir tha a h‑uile h‑àrd‑shagart air a thoirt o mheasg dhaoine, air a shuidheachadh airson dhaoine sna rudan a tha a' buntainn do Dhia, gus tabhartasan is ìobairtean a thairgsinn airson pheacaidhean.
2
Is urrainn dha truas a ghabhail riuthasan a tha aineolach 's air seachran, a chionn 's gu bheil e fhèin cuideachd air a chuartachadh le laigse.
3
Is ann air a shon seo a dh'fheumas e tairgsinn airson a pheacaidhean fhèin a cheart cho math 's mar a nì e airson a shluaigh.
4
Chan eil duine sam bith a' gabhail an onair seo air fhèin, ach tha e air a ghairm le Dia, dìreach mar a bha Aaron.
5
Mar sin cuideachd, cha do ghlòraich Crìosd e fhèin gus a bhith air a dhèanamh na àrd‑shagart, ach esan a thuirt ris: “Is tusa mo Mhac; an‑diugh ghin mi thu.”
6
Agus ann an àite eile, tha e ag ràdh: “Tha thu nad shagart gu bràth, a rèir òrduigh Mhelchisedeic.”
7
Fad nan làithean a bha e san fheòil, às dèidh dha ùrnaighean is ìmpidhean a thairgsinn suas, le caoineadh cruaidh is deòir, ris‑san a b' urrainn a shàbhaladh on bhàs, chaidh èisteachd ris na ùmhlachd.
8
Ged a bha e na mhac, dh'ionnsaich e ùmhlachd bho na rudan a dh'fhulaing e.
9
Agus air a dhèanamh foirfe, chaidh a dhèanamh dhaibhsan uile a bheir ùmhlachd dha, na adhbhar sàbhalaidh sìorraidh,
10
air ainmeachadh le Dia mar àrd‑shagart a rèir òrduigh Mhelchisedeic.
11
Tha mòran againn ri ràdh mu seo agus tha e doirbh a mhìneachadh on a tha sibh air fàs mall nur n‑èisteachd.
12
Oir, gu deimhinn, ged a bu chòir dhuibhse a bhith nur luchd‑teagaisg aig an àm seo, tha feum agaibh a‑rithist a bhith air ur teagasg mu phrionnsapalan bunasach fhaclan Dhè, agus tha sibh air tighinn gus feum a bhith agaibh air bainne 's chan ann air biadh làidir.
13
Oir tha a h‑uile fear a tha a' gabhail bainne aineolach air facal na fìreantachd, oir is e leanabh a th' ann.
14
Ach tha biadh làidir airson inbhich, aig a bheil an toinisgean, tro chleachdadh, comasach air eadar‑dhealachadh a dhèanamh eadar maith is uilc.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13