bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Revelation 10
Revelation 10
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 11 →
1
Agus chunnaic mi aingeal làidir eile a' tighinn a‑nuas o nèamh, air a sgeadachadh le sgòth is bogha‑frois air a cheann. Agus bha aghaidh‑san mar a' ghrian agus na casan aige mar cholbhan teine.
2
Agus bha rolla beag a bh' air fhosgladh aige na làimh, agus chuir e a chas dheas air a' mhuir agus a chas chlì air an talamh.
3
Agus dh'èigh e le guth àrd mar a bheucas leòmhann agus nuair a dh'èigh e, bhruidhinn na seachd tàirneanaich le an guthan.
4
Agus nuair a bhruidhinn na seachd tàirneanaich, bha mi dìreach gus sgrìobhadh, ach chuala mi guth o nèamh, ag ràdh, “Seulaich na thuirt na seachd tàirneanaich, agus na sgrìobh idir iad.”
5
Agus an t‑aingeal a chunnaic mi na sheasamh air a' mhuir agus air an talamh, thog e a làmh dheas gu nèamh.
6
Agus thug e mionnan airsan a tha beò gu saoghal nan saoghal — a chruthaich nèamh 's na tha ann, agus an talamh 's na tha ann agus a' mhuir 's na tha innte — nach biodh dàil ann tuilleadh.
7
Ach ann an làithean gutha an t‑seachdaimh aingil, nuair a tha e gus an trombaid a shèideadh, thèid dìomhaireachd Dhè a choileanadh cuideachd, mar a dh'innis esan an deagh sgeul dha sheirbheisich, na fàidhean.
8
Agus bha an guth a chuala mi o nèamh a' bruidhinn rium a‑rithist, agus ag ràdh, “Thalla, gabh an rolla a bh' air fhosgladh, a th' ann an làimh an aingil a sheas air a' mhuir 's air an talamh.”
9
Mar sin dh'fhalbh mi chun an aingil, ag ràdh ris, an rolla beag a thoirt dhomh, agus thuirt esan riumsa, “Gabh agus ith e, agus nì e do stamag searbh, ach nad bheul bidh e cho milis ri mil.”
10
Agus ghabh mi an rolla beag à làimh an aingil agus dh'ith mi e, agus bha e cho milis ri mil nam bheul, agus nuair a dh'ith mi e chaidh mo stamag a dhèanamh searbh.
11
Agus thuirt iad rium, “Feumaidh tu fàidheadaireachd a dhèanamh a‑rithist, mu mhòran dhaoine is nàiseanan is theangannan is rìghrean.”
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22