bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Revelation 3
Revelation 3
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 4 →
1
“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Sardis, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan aig a bheil seachd spioradan Dhè agus na seachd rionnagan ag ràdh, Tha fios agam air d' obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, ach tha thu marbh!
2
Dèan faire agus neartaich na tha air fhàgail, a tha gus bàsachadh; oir cha d' fhuair mi d' obraichean coileanta mu choinneamh mo Dhè.
3
Cuimhnich mar sin na fhuair agus na chuala tu, agus glèidh e agus dèan aithreachas. Mar sin, mura dèan thu faire, thig mi mar mhèirleach, agus cha bhi fios agad dè an uair aig an tig mi ort.
4
Ach tha beagan dhaoine agad ann an Sardis nach do thruaill an cuid aodaich agus a choisicheas leam ann an geal, oir tha iad airidh air.
5
An neach a bhuadhaicheas, bidh e air a sgeadachadh mar sin ann an aodach geal, agus cha dhubh mi idir ainm‑san a‑mach à rolla na beatha agus aidichidh mi ainm‑san mu choinneamh m' Athar agus mu choinneamh nan ainglean aige.
6
Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.
7
“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Philadelphia, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan ag ràdh, an Aon Naomh, an Aon Fìor, an Aon aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Aon a tha a' fosgladh 's nach dùin neach sam bith, agus a dhùineas is nach fosgail neach sam bith:
8
'S aithne dhomh d' obraichean. Seall! Tha mi air doras fosgailte a chur mud choinneamh, nach urrainn do neach sam bith a dhùnadh, oir tha beagan cumhachd agad, agus ghlèidh thu m' fhacal agus cha do dh'àich thu m' ainm.
9
Seall, bheir mise orrasan a tha de shionagog Shàtain (a tha ag ràdh gu bheil iad nan Iùdhaich, ach nach eil, ach a tha ag innse breug), seall, bheir mise orra tighinn agus an glùinean a lùbadh aig do chasan, gus am bi fios aca gun do ghràdhaich mise thu.
10
Oir ghlèidh thu facal mo leanaltais, agus gleidhidh mise thusa o uair na deuchainn a tha gus a thighinn air an t‑saoghal gu lèir airson an fheadhainn a tha a' còmhnaidh air an talamh a dhearbhadh.
11
Tha mi a' tighinn gu luath, glèidh na th' agad, gus nach toir neach sam bith air falbh do chrùn.
12
An neach a bhuadhaicheas, nì mise colbh dheth ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e a‑mach às a chaoidh agus sgrìobhaidh mi airsan ainm mo Dhè agus ainm baile mo Dhè, an t‑Ierusalem ùr, a tha a' tighinn a‑nuas à nèamh om Dhia, agus m' ainm ùr fhèin.
13
Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.
14
“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Laodicèa, sgrìobh: Seo na rudan a tha an t‑Amen, an fhianais dhìleas agus fhìor, toiseach cruthachaidh Dhè, ag ràdh,
15
Tha fios agam air d' obraichean, nach eil thu fuar no teth. B' fheàrr gun robh thu fuar no teth.
16
Ach a chionn 's gu bheil thu meadh‑bhlàth, 's nach eil thu teth no fuar, tha mi gus do chuir a‑mach às mo bheul.
17
Oir tha thu ag ràdh, ‘Tha mi beairteach 's air fàs saidhbhir agus chan eil dìth orm.’ Agus chan eil fios agad gu bheil thu truagh is feumach air truas agus bochd agus dall agus rùisgte.
18
Tha mi gad chomhairleachadh gun ceannaich thu uam: òr a th' air a ghlanadh le teine gus am bi thu beairteach, agus badan aodaich gheala gus am bi thu air d' èideadh, agus nach bi nàire do lomnochd ri faicinn, agus ung do shùilean le acfhainn‑shùil gus am faic thu.
19
Iadsan uile dha bheil gràdh agam, ceartaichidh mi agus smachdaichidh mi; bi eudmhor mar sin agus dèan aithreachas.
20
Seall, tha mi a' seasamh aig an doras agus a' gnogadh; ma chluinneas neach sam bith mo ghuth agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach thuige agus ithidh mi còmhla ris, agus esan còmhla riumsa.
21
Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi dha suidhe leam air mo rìgh‑chathair, eadhon mar a bhuadhaich mise agus a shuidh mi lem Athair air a rìgh‑chathair‑san.
22
Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.”
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22