bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Revelation 9
Revelation 9
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 10 →
1
Agus shèid an còigeamh aingeal trombaid, agus chunnaic mi rionnag a bh' air tuiteam o nèamh chun na talmhainn, agus chaidh iuchair sloc na h‑Àibheis a thoirt dha.
2
Agus dh'fhosgail e sloc na h‑Àibheis, agus dh'èirich ceò às an t‑sloc mar cheò fùrneis mhòir, agus chaidh a' ghrian agus an t‑adhar a dhèanamh dorcha le ceò an t‑sluic.
3
Agus thàinig lòcaist a‑mach às a' cheò, chun na talmhainn, agus chaidh cumhachd a thoirt dhaibh mar an cumhachd a th' aig sgairpean na talmhainn.
4
Agus chaidh innse dhaibh gun cron a dhèanamh air feur na talmhainn, no air rud sam bith uaine, no air craobh sam bith, ach a‑mhàin air na daoine, a h‑uile neach air nach eil seula Dhè air clàr a' bhathais.
5
Agus cha robh e ceadaichte dhaibh am marbhadh, ach an cràdh airson còig mìosan, agus bha an cràdh‑san mar chràdh duine nuair a bhuaileas sgairp e.
6
Agus anns na làithean sin iarraidh daoine am bàs agus chan fhaigh iad e; agus miannaichidh iad bàsachadh ach teichidh am bàs uapa.
7
Agus bha dreach nan lòcast coltach ri eich a bh' air an ullachadh airson cogaidh, agus air an cinn crùintean mar gum biodh de dh'òr agus bha an aghaidhean mar aghaidhean dhaoine.
8
Agus bha am falt aca mar fhalt mhnathan agus bha am fiaclan mar fhiaclan leòmhann.
9
Agus bha an t‑uchd‑èideadh aca mar uchd‑èideadh iarainn, agus fuaim nan sgiathan aca mar fhuaim carbadan‑cogaidh mòran each, a' ruith gu blàr.
10
Agus bha earbaill is gathan aca mar sgairpean, agus bha cumhachd aca, len earbaill, cron a dhèanamh air na daoine airson còig mìosan.
11
Agus tha rìgh aca thairis orra, aingeal na h‑Àibheis; 's e an t‑ainm a th' air ann an Eabhra, “Abaddon,” agus ann an Greugais 's e an t‑ainm a th' air, “Apollion.”
12
Chaidh a' chiad truaighe seachad, seall, tha dà thruaighe fhathast ri thighinn às dèidh nan rudan seo.
13
Agus shèid an siathamh aingeal trombaid agus chuala mi guth o cheithir adhaircean na h‑altarach òir a tha mu choinneamh Dhè,
14
ag ràdh ris an t‑siathamh aingeal, aig an robh an trombaid, “Saor na ceithir ainglean a th' air an ceangal aig abhainn mhòr Euphràtes.”
15
Agus chaidh na ceithir ainglean a shaoradh, a bh' air an ullachadh airson na h‑uarach is an latha is na mìosa is na bliadhna, airson 's gum marbhadh iad an treas pàirt dhe na daoine.
16
Agus b' iad àireamh feachdan na h‑eachraidh fichead mìle uair deich mìle; chuala mi an àireamh aca.
17
Agus mar sin chunnaic mi na h‑eich san t‑sealladh agus iadsan a bha nan suidhe orra, aig an robh uchd‑èideadh de dhath an teine, is gorma is buidhe; agus bha cinn nan each mar chinn leòmhann, agus thàinig às am beòil teine is toit is pronnasg.
18
Le na trì plàighean seo chaidh an trìtheamh pàirt dhe na daoine a mharbhadh, leis an teine 's leis an toit 's leis a' phronnasg a tha a' tighinn om beòil.
19
Oir tha cumhachd nan each nam beòil agus nan earbaill, oir tha an earbaill mar nathraichean le cinn, agus leotha sin tha iad a' dèanamh cron.
20
Agus an còrr dhe na daoine nach robh air am marbhadh leis na plàighean seo, cha do rinn iad fiù 's aithreachas airson obraichean an làmhan, gus nach dèanadh iad adhradh do dheamhain agus do dh'iodhalan òir is airgid is umha is cloiche is fiodha, nach urrainn faicinn no cluinntinn no coiseachd;
21
agus cha do rinn iad aithreachas airson nam murt aca, no airson nan draoidheachdan aca no airson nan strìopachasan aca no airson na goidean aca.
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 10 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22