bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Thessalonians 1
1 Thessalonians 1
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
1
Pol, agus Silbhanus, agus Timoti, do eaglais muinntir Thessalonica ann an Dia an t-Athair, agus anns an Tighearna Iosa Criosta.
2
Grasan gun robh dhuibh agus sith. Tha sinn toirt taing do Dhia daonnan air ur son uile, a cleachdadh cuimhne a dhianamh oirbh ʼnar n-urnaighean gun lasachadh,
3
ʼSa cuimhneachadh air obair ur creidimh, ʼs ur saothair, ʼs ur carrantachd, agus seasmhachd nr dochais ʼnar Tighearna Iosa Criosta, an lathair Dhe agus ar n-Athar:
4
Agus fios againn, a bhraithrean ionmhuinn le Dia, air ur taghadh:
5
Oir cha n-ann am facal a mhain a bha ar soisgeul dhuibh, ach ann an cumhachd, ʼs anns an Spiorad Naomh, am mor lanachd, mar tha fios agaibh ciod e na daoine a bha unnainn ʼnur measg air ur son.
6
Agus rinneadh sibh ʼnur luchd-leanmhuinn oirnn, ʼs air an Tighearna, a glacadh an fhacail ann am moran trioblaide, le sòlas an Spioraid Naoimh:
7
Air chor ʼs gun robh sibh ʼnur sampuill do na creidich uile ann am Macedonia, ʼs ann an Achaia.
8
Oir bhuaibhse sgaoil facal an Tighearna mach, cha n-ann a mhain ann am Macedonia, ʼs ann an Achaia, ach chraobh-sgaoil ur creideamh, a tha ann an Dia, anns gach aite, air chor ʼs nach ruig sinn a leas ni a ghradh.
9
Oir tha iad fhein a g-innse mu ʼr deidhinn, ciod a ghné dhol-a-stigh a bhʼ againn gu ʼr n-ionnsuidh, ʼs mar a thionndaidh sibh bho iodholan gu Dia, gus an Dia beo firinneach a sheirbhiseachadh,
10
Agus gu duil a bhith agaibh ri Mhac bho fhlathanas (a thog e bho na mairbh), Iosa, a shaor sinn bho ʼn fheirg ri tighinn.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5