bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Thessalonians 4
1 Thessalonians 4
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
1
A bharrachd air so ma ta, a bhraithrean, tha sinn a g-iarraidh ʼsa g-achanaich oirbh anns an Tighearna Iosa, mar a fhuair sibh bhuainne ciamar is còir dhuibh gluasad, agus Dia thoileachadh, gun gluais sibh mar sin, los am barrachd buannachd a bhith agaibh.
2
Oir is aithne dhuibh ciod na reachdan a thug mi dhuibh tromh ʼn Tighearna Iosa.
3
Oir se so toil De, ur naomhachadh-sa: gun seachainn sibh striopachas,
4
Gum bi fios aig gach aon agaibh, a shaghach a ghleidheadh ann an naomhachd, ʼs ann an onair:
5
Cha n-ann an togradh na druise, mar na cinnich, a tha aineolach air Dia;
6
ʼS gun duine air bith a dhianamh eucoir, no mealltaireachd, air a bhrathair ann an gnothach: oir is diughaltair an Tighearna orra sin uile, mar a dhʼ innis sinn dhuibh roimh so, ʼsa thug sinn fianuis:
7
Oir cha do ghairm Dia sinn gu neo-ghloine, ach gu naomhachd.
8
Air an aobhar sin esan a tha cur suarach nan nichean so, cha n-e duine, a tha e cur suarach, ach Dia, a thug cuideachd a Spiorad Naomh dhuinn.
9
Ach a thaobh na carrantachd braithreil, cha ruig sinn a leas sgriobhadh h-ugaibh: oir dhʼ ionnsuich sibh fhein bho Dhia gaol a thoirt dha cheile.
10
Oir gu dearbh tha sibh a dianamh sin do na braithrean uile, a tha ann am Macedonia air fad. Ach tha sinn a guidhe oirbh, a bhraithrean, sibh tuilleadh fhathast a dhianamh,
11
ʼS gun dian sibh dichioll gu bhith ann am fois, ʼs gun dian sibh ur gnothach fhein, ʼs gun oibrich sibh le ʼr lamhan fhein, mar a chuir sinn mu ʼr coinneamh; ʼs gun gluais sibh gun chron gan taobh-san a tha muigh; ʼs nach gabh sibh deidh air cuid neach air bith.
12
Us cha mhath leinn sibh a bhith aineolach, a bhraithrean, mu ʼn fheadhainn a tha ʼnan cadal, gus nach bi mulad oirbh, cleas na feadhnach eile aig nach eil dochas.
13
Oir ma tha sinn a creidsinn, gun dʼ fhuair Iosa bàs, ʼs gun dʼ eirich e rithist, is amhuil cuideachd a bheir Dia iadsan, a chaidil tromh Iosa, maille ris.
14
Oir tha sinn a g-radh so ribh ann am facal an Tighearna, nach bi sinne, a tha beo, a bhitheas maireann gu tighinn an Tighearna, rompasan a chaidil.
15
Oir thig an Tighearna fhein a nuas à flathanas le ordugh, ʼs le guth an ard-aingil, ʼs le trombaid Dhe; agus eiridh an toiseach na mairbh, a tha ann an Criosta.
16
An sin togar sinne, a bhios beo, a dhʼ fhagadh, suas comhla riu gus na neoil an coinneamh Chriosta anns an athar, ʼs mar sin bithidh sinn an comhnuidh maille ris an Tighearna.
17
Leis a sin thugaibh furtachd dha cheile leis na briathran so.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5