bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Thessalonians 2
1 Thessalonians 2
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 3 →
1
Oir is eol duibh fhein, a bhraithrean, nach bu diomhain ar dol-a-stigh gu ʼr n-ionnsuidh:
2
Ach air dhuinn fulang roimh sin, ʼsa bhith air ar laimhseachadh gu taireil (mar tha brath agaibh) aig Philippi, bha misneach againn ʼnar Dia gu soisgeul Dhe a labhairt ribh le moran curaim.
3
Oir cha robh ar comhairle mearachdach, no neoghlan, no meallta:
4
Ach mar a thaitinn sinn ri Dia an rathad ʼs gun deach an soisgeul earbsadh ruinn: mar sin tha sinn a labhairt, cha n-ann mar a toileachadh dhaoine, ach Dhe, a tha dearbhadh ar cridheachan.
5
Oir cha do chleachd sinn uair air bith cainnt bhrosgulach, mar tha fios agaibh: ʼs cha do ghabh sinn cothrom air sannt, tha Dia ʼna fhianuis:
6
Cha mhua dhʼ iarr sinn gloir bho dhaoine, bhuaibhse, no bho fheadhainn eile,
7
Ged a dhʼ fhaodadh sinn a bhith ʼnar n-eallach oirbh, mar ostail Chriosta: ʼsann a bha sinn mar chloinn bhig ʼnur miadhon, mar bhanaltruim a g-eiridneadh a cloinne:
8
Cho deidheil bha sinn oirbh, ʼs gun tugadh sinn dhuibh gu toilichte, cha n-e mhain soisgeul De, ach ar n-anman fhein cuideachd: oir bu ro ionmhuinn sibh leinn.
9
Oir tha cuimhne agaibh, a bhraithrean, air ar saothair, ʼs air ar sgios, a g-obair a dhʼ oidhche ʼsa latha, air eagal a bhith cur eallaich air aon agaibh, theagaisg sinn ʼnur measg soisgeul De.
10
Tha sibh fhein ʼnur fianuisean, agus Dia cuideachd, air cho naomh, ʼs cho ceart, ʼs cho neochiontach, ʼsa bha sinn dhuibhse, a chreid:
11
ʼS gur aithne dhuibh, ciamar, a g-achanaich ʼsa furtachadh air gach aon agaibh (mar athair air a chloinn),
12
Rinn sinn fianuis dhuibh sibh a ghluasad gu h-airidh air Dia, a ghairm sibh gu rioghachd fhein, agus gu ghloir.
13
Uime sin tha sinn toirt taing do Dhia gun lasachadh, a chionn, nuair a ghlac sibh facal eisdeachd Dhe bhuainne, gun do ghlac sibh e, cha n-ann mar fhacal dhaoine, ach (mar a tha e gu fior) mar fhacal De, a tha g-oibreachadh unnaibhse, a chreid.
14
Oir rinneadh sibhse, a bhraithrean, ʼnur luchd-leanmhuinn air eaglaisean Dhe, a tha an Iudéa ann an Iosa Criosta: oir dhʼ fhuilig sibhse bho ʼr luchd-ducha na ceart nichean, a dhʼ fhuilig iadsan bho na h-Iudhaich,
15
A mharbh an Tighearna Iosa, araon ʼs na faidhean, ʼsa rinn geur-leanmhuinn oirnne, ʼs nach eil taitneach le Dia, ʼsa tha ʼnan naimhdean do dhaoine uile,
16
A bacail dhuinne labhairt ris na cinnich, gus iad a bhith sabhailte, gus am peacannan a shior-lionadh suas: oir thainig fearg Dhe orra gus a chrioch.
17
Ach air dhuinn, a bhraithrean, a bhith air ar dealachadh bhuaibh car beagan uine, am pearsa, cha n-ann an cridhe, rinn sinn an corr cabhaig le mor dheidh gus ur n-aodann fhaicinn:
18
Oir bha toil againn tighinn gu ʼr n-ionnsuidh: bha sin agamsa, Pol, gu dearbh, uair us uair: ach bhac Satan sinn.
19
Oir ciod e ar dochas, no ar sòlas, no crùn ar gloire? Nach e sibhse an lathair ar Tighearna Iosa Criosta aig a thighinn?
20
Oir is sibhse ar gloir, agus ar sòlas.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5