bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Thessalonians 5
1 Thessalonians 5
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
1
Ach mu na timean ʼs na mionaidean, a bhraithrean, cha n-eil feum agaibh mi sgriobhadh gu ʼr n-ionnsuidh.
2
Oir is math is aithne dhuibh fhein, gur ann mar mheirleach san oidhche a thig latha an Tighearna.
3
Oir nuair a their iad: Sith agus tiaruinteachd, an sin thig grad sgrios orra, mar shaothair oirre-sa, a tha leth-tromach, ʼs cha bhi dol as aca.
4
Ach cha n-eil sibhse, a bhraithrean, ann an dorchadas, air chor ʼs gun glac an latha sin sibh mar mheirleach:
5
Oir is clann an t-soluis sibhse uile, agus clann an latha; cha n-ann dhe ʼn oidhche, no dhe ʼn dorchadas sinn.
6
Leis a sin na caidlemid mar chàch, ach dianamaid caithris, us bithemid measarra.
7
Oir iadsan a chaidleas, ʼsann san oidhche a tha iad a cadal; us iadsan a tha air mhisg, ʼsann san oidhche a tha iad air mhisg.
8
Ach sinne a tha dhe ʼn latha, bithemid stuama, a cur oirnn uchd-eideadh a chreidimh ʼs na carrantachd, agus clogaid dochas an t-sabhalaidh:
9
Oir cha dʼ orduich Dia feinn gu feirg, ach gu sabhaladh a chosnadh tromh ar Tighearna Iosa Criosta,
10
A fhuair bàs air ar son, a los, co-dhiu bhios sinn ri caithris, no ʼnar cadal, gum bi sinn beo maille ris.
11
Air an aobhar sin furtaichibh air a cheile; us thugaibh deagh shamhla dha cheile, mar a tha sibh a dianamh.
12
ʼS tha sinn a guidhe oirbh, a bhraithre, meas a bhith agaibh orrasan, a tha ri saothair ʼnur measg, agus a tha thairis oirbh anns an Tighearna, agus gu ʼr comhairleachadh,
13
Los gum bi am barrachd meas agaibh orra ann an carrantachd air sgath an oibre: biodh sith agaibh riu.
14
Agus tha sinn a guidhe oirbh, a bhraithrean, cronaichibh luchd-buaireis, thugaibh misneach do ʼn lag-inntinneach, dianaibh taic ris an anfhann, bithibh faighidneach ri daoine uile.
15
Fiachaibh nach diol neach olc an aghaidh an uilc do dhuine air bith: ach daonnan cleachdaibh an ni tha math dha cheile, ʼs do dhaoine uile.
16
Bithibh aoibhneach an comhnuidh.
17
Bithibh ri urnaigh gun lasachadh.
18
Thugaibh taing anns gach ni: oir se so toil De ann an Iosa Criosta dha ʼr taobh uile.
19
Na mùchaibh an Spiorad.
20
Na dianaibh diù de dhʼ fhaisneachd.
21
Cnuasaichibh a h-uile ni: glacaibh an ni tha math.
22
Gleidhibh sibh fhein bho ʼn h-uile seorsa de dhʼ olc;
23
ʼS gum bʼ e Dia na sithe a naomhaicheas sibh tromh gach ni, gus ur spiorad gu h-iomlan, ʼs ur n-anam, agus ur coluinn, a bhith air an gleidheadh gun smal gu tighinn ar Tighearna Iosa Criosta.
24
Tha esan a ghairm sibh dileas; agus ni e sin mar an ciadna.
25
A bhraithrean, guidhibh air ar son-ne.
26
Cuiribh fàilt air na braithrean uile le poig naoimh.
27
Tha mi guidhe oirbh tromh ʼn Tighearna, gun leughar an litir so do na braithrean naomh uile.
28
Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh. Amen.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
All chapters:
1
2
3
4
5