bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Timothy 2
1 Timothy 2
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 3 →
1
Tha mi g-achanaich romh gach ni, gun rachadh achanaichean, urnaighean, eadar-ghuidhe, agus breith-buidheachas a thairg so suas air son dhaoine uile,
2
Air son righrean, us iadsan uile a tha an ard-inbhe, air chor ʼs gun caith sinn ar beatha le samhchair, ʼs le sith, anns a h-uile diadhachd agus geamnachd:
3
Oir tha so math agus taitneach an lathair Dhe ar Slanair,
4
Aig a bheil toil daoine uile a bhith sabhailte, ʼsa thighinn gu eolas air an fhirinn.
5
Oir tha aon Dia ann, agus aon eadar-mhiadhonair eadar Dia agus daoine, an duine Iosa Criosta,
6
A thug e fhein seachad ʼna eirig air son dhaoine uile, ʼna theisteanas ann an àm iomchuidh:
7
H-uige so tha mise air mʼ orduchadh na mʼ shearmonaiche, ʼs na mʼ ostal (tha mi labhairt na firinn, ʼs cha bhriag), fear-teagaisg nan cinneach an creideamh, ʼs am firinn.
8
ʼS aill leam ma ta daoine a dhianamh urnaigh ʼs gach aite, a togail suas lamhan glana gun ghamhlas, gun chonsachadh.
9
Na boirionnaich mar an ciadna, ann an uidheam dhealbhaich, gan sgeadachadh fhein le modhalachd, ʼs le stuaime, cha n-ann le falt ʼna dhuail, no le òr, no le leugan, no le eideadh luachor:
10
Ach, mar a thig do bhoirionnaich, a cleachdadh diadhachd, le deagh oibrichean.
11
Ionnsuicheadh am boirionnach ann an tosdachd leis a h-uile umhailteas.
12
Cha n-eil mi leigeil le boirionnach a bhith teagasg, no uachdranachd a ghabhail air an duine, ach a bhith ʼna tosd.
13
Oir chruthaicheadh Adhamh an toiseach, ʼs an sin Eubha.
14
Agus cha n-e Adhamh a mhealladh: ach si am boirionnach, ʼs i air a mealladh, a bha sa choire.
15
A dhʼ aindeoin sin sabhalar i tromh bhreith cloinne, ma bhuan-leanas i ri creideamh, ʼs ri gradh, ʼs ri naomhachd le stuaime.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6