bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Timothy 4
1 Timothy 4
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 5 →
1
A nis tha an Spiorad a g-innse gu soilleir, gum brist cuid a mach bho ʼn chreideamh anns na h-amannan deirionnach, a toirt feairt air spioraid na mearachd agus air teagasgan dheomhan,
2
A labhairt bhriag ann an ceilg, ʼs aig a bheil an cogais mar loisgte le iaruinn teth,
3
A bacail posadh, ʼsa g-orduchadh fuireach bho bhiadhan, a chruthaich Dia gus an gabhail le buidheachas leis na creidich, us leo-san dha ʼn aithne an fhirinn.
4
Oir tha h-uile ni, a chruthaich Dia, math, ʼs cha n-eil ni ri sheachnadh a ghabhar le buidheachas:
5
Oir tha e air a bheannachadh le facal De ʼs le urnaigh.
6
Le cur nan nichean so air shuilean do na braithrean, bithidh tu ad dheagh fhear-muinntir Iosa Criosta, air tʼ àrach le briathran a chreidimh, ʼs leis an deagh theagasg a bhuannaich thu.
7
Ach seachainn uirsgialan gorach sheann mhnathan: agus cleachd thu fhein ri diadhachd.
8
Oir is beag am feum ann an saothair chorporra: ach tha crabhadh feumail air son a h-uile ni, agus tha gealladh aige air a bheatha tha nis ann, ʼs air a bheatha ri tighinn.
9
Is facal firinneach so, a ʼs fhiach gu tur gabhail ris.
10
Air son so ma ta tha sinn ri saothair, ʼs thathas ga ʼr càineadh, a chionn gum beil ar dochas anns an Dia bheo, Slanair dhaoine gu leir, ʼs nan creideach gu h-àraid.
11
Aithn na nichean so, agus teagaisg iad.
12
Na sealladh duine air bith sios air tʼ oige: ach bi ad shamplair do na creidich am facal, an comhradh, an carrantachd, an creideamh, an geamnachd.
13
Gus an tig mise, thoirtʼ aire do leughadh, do chomhairleachadh, ʼs do theagasg.
14
Na dian dearmad air na grasan a tha unnad, a thugadh dhut tromh fhaisneachd, maille ri leagadh lamhan na sagartachd.
15
Cnuasaich na nichean so, leag tʼ uile inntinn orra, los gum bi do leas soilleir do dhaoine uile.
16
Thoir an aire ort fhein ʼs air teagasg: bi durachdach unnta. Oir le so dhianamh, sabhalaidh tu thu fhein araon agus iadsan, a dhʼ eisdeas riut.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6