bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Timothy 6
1 Timothy 6
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
1
Feadhainn air bith a tha ʼnan seirbhisich fo chuing, measadh iad gur airidh am maighistirean air a h-uile urram, aireagal ainm an Tighearna ʼsa theagasg a dhʼ fhaighinn toibheum.
2
Ach iadsan aig a bheil maighistirean creideach, na sealladh iad sios orra, a chionn ʼs gur braithrean iad: ach dianadh iad seirbhis dhaibh a raghainn, a chionn iad a bhith ʼnan creidich agus gradhaichte, agus roinn aca dhe ʼn tiodhlac. Teagaisg so, agus comhairlich.
3
Ma tha gin sa bith a teagasg a chaochla, ʼs nach eil a g-aontachadh do fhacail fhallain ar Tighearna Iosa Criosta, ʼs do ʼn teagasg sin a tha a reir diadhachd,
4
Tha e uaibhreach, gun aithne air ni sa bith, ach ʼna bhreislich a thaobh cheisdean, us chonsachaidh mu bhriathran: bho ʼn eirich farmad, deaspud, blaisbheum, agus droch amharusan,
5
Carraidean dh aoin e air an truailleadh ʼnan inntinn, air a bheil an fhirinn a dhith, a saoilsinn gur buannachd diadhachd.
6
Ach is buannachd mhor diadhachd maille ri toil-inntinn.
7
Oir cha tug sinn dad leinn thun an t-saoghail so; agus is cinnteach nach toir sinn dad as.
8
Ach le biadh a bhith againn, us aodach gus ar n-eideadh, bithemid toilichte leo.
9
Oir tuitidh an fheadhainn, a tha ʼn geall air a bhith beairteach, am buaireadh, ʼs an ribe an deomhain, ʼs an iomadh miann gun mhath agus cronail, a tha cur dhaoine fodha gu sgrios ʼs gu diteadh.
10
Oir se deidh air airgiod friamh a h-uile uilc; a sanntachadh so, chaidh cuid air seachran bho ʼn chreideamh, agus ribeadh iad ann an iomadh doruinn.
11
Ach thusa, O dhuine le Dia, teich bhuatha so: agus lean ceartas, creideamh, carrantachd, faighidin, ciuineachd.
12
Cath deagh chath a chreidimh; dian greim air a bheatha shiorruidh, dhʼ ionnsuidh na ghairmeadh thu, ʼs na dhʼ aidicheadh leat deagh aideachadh an lathair moran fhianuisean.
13
Tha mi cur mu dʼ choinneamh an lathair Dhe, a tha beothachadh a h-uile ni, ʼs an lathair Iosa Criosta, a thug teisteanas fo Phontius Pilat, deagh aideachadh,
14
Gun cum thu an fhainte gun smal, gun choire gu tighinn ar Tighearna Iosa Criosta,
15
A nochdas esan ʼna amannan fhein, a tha beannaichte agus ʼna aonar cumhachdach, Righ nan righrean, agus Tighearna nan tighearnan:
16
A tha ʼna aonar neo-bhàsmhor, ʼsa tha tamh ann an solus air nach gabh ruighinn: nach fhaca duine riamh, ʼs nach urrainn do dhuine fhaicinn: dhasan gun robh onair, agus rioghachd shiorruidh. Amen.
17
Orduich do dhaoine beairteach an t-saoghail so, gun iad a bhith ard-aigneach, no earbsa a chur á beartas neo-chinnteach, ach as an Dia bheo (a tha buileachadh oirnn gach ni gu pailt gus am mealtuinn),
18
Math a dhianamh, a bhith beairteach an deagh oibrichean, deas gu toirt seachad, ʼs gu càch a chobhair,
19
Maoin a chur suas dhaibh fhein, bun math mu choinneamh an ama ri tighinn, los gun dian iad greim air an fhior bheatha.
20
O Thimoti, gleidh sin a chaidh earbsa riut, a seachnadh ùr-shuidheachadh ain-diadhaidh bhriathran, us comhstri mu eolas, a thʼ air ainmeachadh mar so gu briagach,
21
Chaidh cuid, le creideas a thoirt da, am mearachd a thaobh creidimh. Grasan gun robh maille riut. Amen.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
All chapters:
1
2
3
4
5
6