bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Timothy 3
1 Timothy 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 4 →
1
Is facal firinneach so: Ma tha deidh aig duine sa bith air driachd easbuig, tha a dheidh air obair mhath.
2
Is còir do easbuig ma ta a bhith gun ghiomh, ʼna fhear aona mhna, measarra, glic, deagh bheusach, geamnaidh, fialaidh, ʼna fhear-teagaisg,
3
Gun a bhith ʼna phoitear-fiona, no ʼna fhear-bhuillean, ach modhail, neo-chonspaideach, gun sannt, ach,
4
ʼNa fhear a riaghlas gu math a thigh fhein, a cumail a chloinne fo smachd leis a h-uile geamnachd.
5
Achmur aithnedo dhuine a thigh fhein a rian, ciamar a bheir e an aire air eaglais Dhe?
6
Cha n-ann ʼna ùr-chreideach: air eagal, a g-at le prois, gun tuit e fo bhreitheanas an aibhistir.
7
Cha n-fhuilear dha cuideachd deagh theisteanas a bhith aige bho ʼn fheadhainn a tha muigh, air eagal gun tuit e fo thaire, ʼs an ribe an deomhain.
8
Biodh na deaconan mar an ciadna geamnaidh, gun teanga dhubailte, gun a bhith titheach air moran fiona, no gionach gu buannachd shalaich:
9
A cumail mistire a chreidimh an cogais ghlain.
10
Agus biodh iad sin cuideachd air an dearbhadh an toiseach; ʼs an sin frithealadh iad, gun aon choire fuaighte riu.
11
Mar an ciadna biodh na boirionnaich banail, cha n-ann ri cul-chàineadh, ach stuama, dileas anns a h-uile ni.
12
Biodh na deaconan ʼnam fir aona mhna: a riaghladh gu math an cloinne, ʼs an tighean fhein.
13
Oir iadsan a fhritheil gu math, coisnidh iad dhaibh fhein deagh inbhe, agus mor earbsa anns a chreideamh, a tha ann an Iosa Criosta.
14
Tha mi sgriobhadh so h-ugad ann an dochas tighinn ga dʼ choimhead gu h-aithghearr.
15
Ach ma dhʼ fhanas mi fada, gu fios a bhith agad ciamar is còir dhut thu fhein a ghiulan ann an tigh an De bheo, se sin eaglais an De bheo, steidh agus carragh na firinne.
16
Agus gu beachd is mor mistire na diadhachd, a thaisbeanadh san fheoil, a naomhaicheadh san spiorad, a nochdadh do ainglean, a theagaisgeadh do na cinnich, a chreideadh san t-saoghal, a thogadh gu gloir.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6