bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Ephesians 2
Ephesians 2
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 3 →
1
Agus sibhse nuair bha sibh marbh ʼnur ciontan ʼs nur peacannan,
2
Anns an dʼ imich sibh roimh so, a reir abhuist an t-saoghail so, a reir prionns cumhachd an athair so, an spiorad a tha nis a g-oibreachadh ann an cloinn a mhi-chreidimh,
3
Anns an robh sinn uile mar an ciadna aon uair a caithe ar beatha ann am miannan ar feola, a dianamh toil na feola agus a smaointean, agus a bha sinn a thaobh naduir ʼnar cloinn feirge, mar bha càch:
4
Ach Dia (a tha saibhir an trocair) le ro mhiad a charrantachd, leis na ghradhaich e sinn,
5
Agus nuair a bha sinn marbh ann am peacannan, bheothaich e sinn ann an Criosta (ʼs gur ann le ghrasan-sa a tha sibh sabhailte),
6
Agus thog e suas sinn maille ris, agus thug e oirnn suidhe comhla ris anns na h-ardaibh ann an Iosa Criosta;
7
A dhʼ fhiachuinn do linntean ri tighinn saibhreas lan-phailt a ghrasan ʼna fhialachd dhuinne ann an Iosa Criosta.
8
Oir le grasan tha sibh sabhailte tromh chreideamh, agus so cha n-ann bhuaibh fhein: oir is gibht Dhe e,
9
Cha n-ann bho oibrichean, gus nach dian neach air bith uaill.
10
Oir is sinne obair a laimh, air ar cruthachadh ann an Iosa Criosta anns na deagh ghniomhan, a dhʼuidheamaich Dia gus sinn a dhʼ imeachd unnta.
11
Air an aobhar sin cuimhnichibh gun robh sibh aon uair ʼnur cinnich anns an fheoil, ʼs gun canteadh ribh an neo-thimchioll-ghearradh le sin ris an abrar timchioll-ghearradh san fheoil diante le lamhan:
12
Chionn gun robh sibh an uair sin as aogais Chriosta, ʼnur coigrich do chomunn Israil, aineolach air an tiomnadh, gun dochas ris a ghealltanas, ʼs gun Dia anns an t-saoghal so.
13
Ach a nis ann an Iosa Criosta tha sibhse, a bha aon uair an cein, air ur toirt faisg le fuil Chriosta.
14
Oir se esan ar sith, a rinn an dithis ʼnan aon, a bristeadh sios balla-mhiadhoin an dealachaidh, an naimhdeas ʼna fheoil fhein:
15
A cur air chul lagh nan orduighean le reachdan, gus an dithis a dhianamh ʼnan aon duine ùr ann fhein, a dianamh sithe,
16
Agus an dithis a reiteachadh ri Dia ann an aon chorp leis a chrois, a sgriosadh an naimhdeis ann fhein.
17
ʼSa tighinn shoisgeulaich e sith dhuibhse a bha fad as; agus sith dhaibh-san a bha ʼm faisg:
18
Oir troimh-san tha rathad againn le cheile ann an aon Spiorad thun an Athar.
19
A nis ma ta cha n-eil sibh nas fhaide ʼnur n-aoidhean ʼs ʼnur coigrich, ach tha sibh an co-chomunn nan naomh, ʼs ʼnur teaghlach aig Dia,
20
Togte air steidh nan ostal ʼs nam faidhean, Iosa Criosta fhein ʼna chloich-chinn na h-oisne:
21
Anns a bheil an t-aitreabh uile, ceangailte ri cheile, a g-eirigh suas ʼna theampull naomh san Tighearna,
22
Anns a bheil sibhse cuideachd togte gu bhith ʼnur n-aros-comhnuidh do Dhia anns an Spiorad.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6