bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Ephesians 5
Ephesians 5
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 6 →
1
Bithibhse ma ta ʼnur luchd-leanmhuinn air Dia, mar chloinn ro ghaolach;
2
Agus imichibh ann an gradh, mar thug Criosta gradh dhuinn, ʼsa liubhair e e fhein seachad air ar son ʼna thobhartas ʼs ʼna iobairt do Dhia mar fhàile cubhraidh.
3
Ach na biodh striopachas, no neo-ghloine air bith, no sannt urad us air an ainmeachadh ʼnur measg, mar a thigeadh do naoimh:
4
No drabasdachd, no cainnt ghorach, no sglamhruinn, anns nach eil feum sa bith; ach an aite sin a toirt buidheachais.
5
Oir biodh fios agaibh air so, us tuigibh, nach eil aig fear-striopachais sa bith, no fear neoghlan, no fear sanntach (ni is e iodhol-aoradh), oighreachd ann an rioghachd Chriosta agus Dhe.
6
Na mealladh aon air bith sibh le cainnt fhaoin: oir as leth so tha fearg Dhe a tighinn air cloinn a mhi-chreidimh.
7
Na bithibhse ma ta ʼnur comh-phairtich riu.
8
Oir bha sibh uair ʼnur dorchadas, ach a nis ʼnur solus anns an Tighearna. Leanaibh ma ta ceuman clann an t-soluis:
9
Oir tha toradh an t-soluis anns a h-uile mathas, agus ceartas, agus firinn:
10
A dearbhadh ciod a tha lan-thaitneach do Dhia;
11
ʼS na biodh comunn sa bith agaibh ri oibrichean neo-thorach an dorchadais: ach an aite sin cronaichibh iad.
12
Oir na nichean a thʼ air an dianamh leo an uaigneas, is nàr urad ʼs an luaidh.
13
Ach na nichean uile a tha ri ʼn cronachadh, nithear follaiseach iad leis an t-solus: oir gach ni, a ni soilleir, is solus e.
14
Air son sin tha e g-radh: Eirich thusa, a tha na dʼ chadal, us duisg bho na mairbh, agus soilleirichidh Criosta thu.
15
Uime sin, a bhraithrean, seallaibh ciamar a dhʼ imicheas sibh gu faicilleach: cha n-ann mar dhaoine neo-ghlic,
16
Ach mar dhaoine glic, a g-ath-cheannach na h-aimsire: a chionn gum beil na laithean olc.
17
Air an aobhar sin na bithibh neo-ghlic, ach a tuigsinn ciod e toil De.
18
ʼS na bithibh air mhisg le fion, anns a bheil roic: ach bithibh air ur lionadh leis an Spiorad Naomh,
19
A labhairt eadaraibh fhein ann an sailm, ʼsan laoidhean, ʼs an dàin spioradail, a seinn, ʼsa dianamh ciuil do ʼn Tighearna ʼnur cridheachan,
20
Daonnan a toirt taing air son a h-uile ni do Dhia ʼs do ʼn Athair, an ainm ar Tighearna Iosa Criosta.
21
A geilleachduinn da cheile ann an eagal Chriosta.
22
Biodh mnathan umhailt dha ʼm fir, mar do ʼn Tighearna:
23
A chionn gur e am fear ceann na mna, mar is e Criosta ceann na h-eaglais: is esan slanair a chuirp.
24
Uime sin mar tha ʼn eaglais umhailt do Chriosta, ceart mar sin biodh na mnathan umhailt dha ʼm fir anns a h-uile ni.
25
A dhaoine, thugaibh gaol dha ʼr mnathan, mar thug Criosta gaol do ʼn eaglais, agus a liubhair e e fhein air a son,
26
Gus e ga naomhachadh, ga glanadh le ionnlad an uisge ann am facal na beatha,
27
Gus a tairgse dha fhein ʼna h-eaglais ghlormhoir, gun smal, gun phreasadh, no aiteal dhe ʼn leithid, ach gum biodh i naomh agus gun ghiomh.
28
Ceart mar sin is còir do dhaoine gaol a thoirt dha ʼm mnathan mar dha ʼn coluinn fhein. Esan a tha toirt gaoil dha mhnaoi, tha e toirt gaoil dha fhein.
29
Oir cha tug duine riamh fuath dha fheoil fhein, ach tha e ga h-altrum ʼs ga h-eiridneachadh, ceart mar tha Criosta dianamh ris an eaglais:
30
A chionn gur sinn buill a choluinn-sa, dhe fheoil, agus dhe chnaimhean.
31
As leth so fagaidh duine ʼathair agus a mhathair, us dluthaichidh e ri mhnaoi, agus bithidh an dithis ʼnan aon fheoil.
32
Is sacramaid mhor so, ach tha mi labhairt ann an Criosta agus anns an eaglais.
33
Ach co-dhiu thugadh gach aon agaibhse fos leth gaol dha mhnaoi ceart mar dha fhein: ʼs biodh fiamh a fir air a mhnaoi.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6