bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Ephesians 3
Ephesians 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 4 →
1
As leth so, tha mise, Pol, na mʼ phriosanach Iosa Criosta, air ur sonsa, a chinnich,
2
Ma se ʼs gun cuala sibh fhathast mu riarachadh grasan Dhe, a thugadh dhomhsa air ur sonsa:
3
Chionn gun dʼ rinneadh aithnichte dhomhsa a mhistire le taisbeanadh, mar a sgriobh mi mar-tha am beagan bhriathran,
4
Mar a dhʼ fhaodas sibh, le leughadh, mʼ eolas ann am mistire Chriosta a thuigsinn,
5
Mistire, ann an linntean eile, a bha ʼm falach air clann-dhaoine, ach a thaisbeanadh a nis dha ʼostail naomh, ʼs dha fhaidhean anns an Spiorad,
6
Gum biodh na cinnich ʼnan co-oighreachan, ʼnan aon chorp, ʼs ʼnan luchd-comhpairt ʼna ghealladh-san ann an Iosa Criosta tromh ʼn t-soisgeul,
7
Dhe ʼn dʼ rinneadh mise na mʼ fhear-frithealaidh a reir tobhartas grasan Dhe, a thugadh dhomhsa a reir oibreachadh a chumhachd.
8
Dhomhsa, an t-aon is lugha de na naoimh uile, thugadh na grasan so gu ionmhas do-rannsuichte Chriosta a shoisgeulachadh am measg nan cinneach,
9
ʼSa dhianamh soilleir do dhaoine uile ciod e riarachadh na mistire, a bha ʼm falach bho ʼn t-siorruchd ann an Dia, a chruthaich a h-uile ni;
10
Gu gliocas iom-fhillteach Dhe a nochdadh tromh ʼn eaglais do phrionnsachan, ʼs do chumhachdan anns na h-ardaibh,
11
A reir a bheachd shiorruidh, a chuir e an gniomh ann an Iosa Criosta ar Tighearna,
12
Anns a bheil danadas us rathad againn le misnich ga ionnsuidh tromh chreideamh-san.
13
Uime sin tha mi g-achanaich, nach toir sibh thairis as leth mo thrioblaidean air ur son: ni is e ur gloir.
14
Air son so tha mi lubadh mo ghluin do Athair ar Tighearna Iosa Criosta,
15
Bho bheil a h-uile athaireachd air neamh ʼs air talamh air an ainmeachadh,
16
Gum builicheadh e oirbh a reir saibhreas a ghloir, sibh a bhith air ur neartachadh le cumhachd tromh a Spiorad-san a thaobh duine an leth-a-stigh,
17
Gu Criosta a ghabhail comhnuidh tromh chreideamh ʼnur cridheachan, los le bhith air ur friamhachadh ʼs air ur steidheachadh an carrantachd,
18
Gur urrainn duibh a thuigsinn maille ris na naoimh uile, ciod e liad, us fad, us airde, us doimhne:
19
Agus carrantachd Chriosta aithneachadh cuideachd, a tha dol fos cionn a h-uile eolais, gus sibh a bhith air ur lionadh le uile lanachd Dhe.
20
A nis dhasan, a tha comasach air gach ni dhianamh nas pailte gu mor na tha sinn a sireadh no tuigsinn, a reir na cumhachd, a tha g-oibreachadh unnainn,
21
Dhasan gun robh gloir san eaglais, agus ann an Iosa Criosta anns gach linn fad shaoghal nan saoghal. Amen.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6