bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Ephesians 4
Ephesians 4
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 5 →
1
Air an aobhar sin tha mise, priosanach an Tighearna, a g-achanaich oirbh, sibh a ghluasad an seol freagrach do ʼn ghairm leis na ghairmeadh sibh,
2
Leis a h-uile irioslachd agus ciuineachd, le faighidin, a cur suas ri gach a cheile an carrantachd,
3
A gleidheadh gu curamach aonachd an Spioraid ann an ceangal na sithe.
4
Aon chorp, agus aon Spiorad, ceart mar ghairmeadh sibh ann an aon dochas ur gairme.
5
Aon Tighearna, aon chreideamh, aon bhaisteadh.
6
Aon Dia agus Athair nan uile, a tha fos cionn nan uile, us feadh gach uile, agus unnainn uile.
7
Ach do ʼn h-uile h-aon againn thugadh grasan, a reir tomhas tobhartas Chriosta.
8
Air an aobhar so tha e g-radh: A dol suas do na h-ardaibh, thug e braighdeanas an daorsa: thug e gibhtean do dhaoine.
9
A nis gun deach e suas, ciod eile e, ach gun deach e sios an toiseach gu ionaidean iochdrach an talmhuinn?
10
Esan a chaidh sios, se cuideachd a chaidh suas fos cionn nan neamh uile, gus a h-uile ni a lionadh.
11
Agus thug e cuid gu dearbh ʼnan ostail, us cuid ʼnam faidhean, ach cuid eile ʼnan soisgeulaich, agus cuid eile ʼnam buachaillean ʼs ʼnan ollamhan,
12
Gus na naoimh a dhianamh coimhlionta gu obair an fhrithealaidh, gu corp Chriosta thogail suas:
13
Gus an coinnich sinn uile ann an aonachd creidimh agus eolas Mhic Dhe, gu duine coimhlionta, gu tomhas aois lanachd Chriosta;
14
Gus nach bi sinn a nis tuille ʼnar cloinn air ar luasgadh a null ʼsa nall, ʼs air ar n-iomain mu ʼn cuairt leis a h-uile gaoith teagaisg le droch-bheart dhaoine, le seoltachd chealgaich a gabhail fàth gu mealladh.
15
Ach a cur firinn an gniomh ann an carrantachd, gum fàs sinn suas anns a h-uile ni annsan, agus is e an ceann, Criosta:
16
Bho bheil an corp uile air a thàthadh, ʼs air a cheangal ri cheile, leis a bheil a h-uile alt a cuideachadh, a reir na h-oibre ann an tomhas gach buill, a faighinn leasachadh cuirp gus a thogail fhein suas ann an carrantachd.
17
So ma ta tha mi g-radh ʼsa togail fianuis air san Tighearna, nach imich sibh á so suas mar na cinnich, a tha g-imeachd a reir faoineas an inntinn fhein,
18
Aig am beil an tuigse air a dalladh le tiugh-dhorchadas, iad ʼnan coigrich do bheatha Dhe leis an aineolas a thʼ unnta, a thaobh doille an cridhe.
19
Muinntir, le dol gu an-dochas, a liubhair iad fhein do dhruis, do dhʼ oibreachadh a h-uile sailche, do shannt.
20
Ach cha n-ann mar sin a dhʼfhaghluim sibhse Criosta;
21
Ma se ʼs gun dʼ eisd sibh ris, ʼs gum beil sibh air ur teagasg ann, mar a tha an fhirinn ann an Iosa,
22
Sibh a chur dhibh an t-seann duine, a tha, a reir ur ciad chaithe-beatha, air a thruailleadh le dheidh air mearachd.
23
Agus bithibh air ur n-urachadh ann an spiorad ur n-inntinn,
24
Us cuiribh oirbh an duine ùr, a tha air a chruthachadh a reir Dhe ann an ceartas, agus ann an naomhachd na firinne.
25
Uime sin a leigeil dhibh bhriagan, labhraibh an fhirinn a h-uile h-aon ri choimhearsnach, oir is buill sinn dha cheile.
26
Gabhaibh fearg, ʼs na peacaichibh: na laidheadh a ghrian air ur feirg.
27
Na tugaibh aite do ʼn aibhistear:
28
Am fear a ghoid, na goideadh e tuilleadh: ach an aite sin dianadh e obair, a saothrachadh le lamhan na tha math, gus am bi aige gu buileachadh air-san, a tha ann an uireasuidh.
29
Na tigeadh droch cainnt idir a mach as ur bial: ach na tha math gu leasachadh creidimh, chum grasan a thoirt do ʼn luchd-eisdeachd.
30
Na cuiribh bròn air Spiorad Naomh Dhe, anns an deach ur seuladh thun latha an t-sabhalaidh.
31
Biodh a h-uile seirbhe, agus fearg, agus corruich, agus gleadhraich, agus blais-bheum air am fuadach fada bhuaibh maille ris a h-uile gamhlas.
32
Agus bithibh caoimhneil iochdor ri cheile, a mathadh do gach a cheile, mar a mhath Dia dhuibh fhein ann an Criosta.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6