bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
1 Peter 2
1 Peter 2
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 3 →
1
Uime sin a’ cur uaibh gach uile mhìoruin, agus gach uile mhealltaireachd, agus chealg, agus fharmad, agus gach uile ana-cainnt,
2
Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, iarraibh bainne fìorghlan an fhacail, a‑chum is gum fàs sibh leis;
3
Mas e is gun do bhlais sibh gu bheil an Tighearna gràsmhor:
4
A’ teachd da ionnsaigh-san, mar gu cloich bheò, a dhiùltadh gu deimhinn le daoine, ach air a taghadh le Dia agus luachmhor;
5
Tha sibhse mar an ceudna mar chlachan beò air ur togail suas nur taigh spioradail, nur sagartachd naomh, a‑chum ìobairtean spioradail a thoirt suas, taitneach do Dhia tre Iosa Crìosd.
6
Uime sin tha seo mar an ceudna air a chur sìos anns an sgriobtar, Feuch, cuiridh mi ann an Sion prìomh chlach-oisne thaghte, luachmhor: agus an tì a chreideas ann, cha chuirear gu nàire e.
7
Dhuibhse uime sin a chreideas, tha e luachmhor: ach dhaibhsan a tha eas-umhail, a’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann na h‑oisne dhith,
8
Agus clach-thuislidh, agus carraig-oilbheim dhaibhsan a thuislicheas air an fhacal, air dhaibh a bhith eas-umhail, a‑chum mar an ceudna an d’òrdaicheadh iad.
9
Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:
10
Nach robh uaireigin nur sluagh, ach a‑nis is sibh sluagh Dhè: dream nach d’fhuair tròcair, ach a‑nis a tha air faotainn tròcair.
11
A mhuinntir mo ghràidh, guidheam oirbh, mar choigrich agus luchd-cuairt, sibh a sheachnadh ana-miannan feòlmhor, a tha a’ cogadh an aghaidh an anama;
12
Air dhuibh deagh chaitheamh-beatha a bhith agaibh am measg nan Cinneach; a‑chum an àite olc a labhairt umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun dèan iad o ur deagh obraichean a chì iad, Dia a ghlòrachadh ann an là an fhiosrachaidh.
13
Uime sin bithibh umhail do gach uile riaghailt dhaoine airson an Tighearna: mas ann don rìgh mar an tì as àirde inbhe;
14
No do uachdarain mar don mhuinntir a chuireadh uaithe a‑chum dìoghaltais air luchd-dèanamh an uilc, ach a‑chum cliù dhaibhsan a nì math.
15
Oir is i toil Dhè gun cuireadh sibh le deagh dhèanadas tosd air aineolas dhaoine amaideach:
16
Mar dhaoine saora, agus gun ur saorsa a ghnàthachadh mar bhrat-falaich don olc, ach mar sheirbhisich Dhè.
17
Thugaibh urram do na h‑uile dhaoine. Gràdhaichibh na bràithrean. Biodh eagal Dhè oirbh. Thugaibh urram don rìgh.
18
A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean maille ris an uile eagal, chan ann a‑mhàin dhaibhsan a tha math agus ciùin, ach mar an ceudna dhaibhsan a tha ana-mèineach.
19
Oir tha seo cliù-thoillteannach, ma dh’iomchaireas neach sam bith doilgheas airson cogais a‑thaobh Dhè, a’ fulang gu h‑eucorach.
20
Oir ciod an t‑adhbhar molaidh a tha ann mas e nuair a ghabhar oirbh airson ur cionta, gun giùlan sibh gu foighidinneach e? Ach mas e nuair a tha sibh a’ dèanamh maith, agus a’ fulang air a shon, gun giùlain sibh e gu foighidinneach, tha seo taitneach do Dhia.
21
Oir is ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh: do bhrìgh gun d’fhuiling Crìosd mar an ceudna air ur son, a’ fàgail eisimpleir agaibh, a‑chum gun leanadh sibh a cheuman:
22
Neach nach do rinn peacadh, cha mhò a fhuaireadh cealg na bheul:
23
Neach, nuair a chàineadh e, nach do chàin a‑rìs; nuair a dh’fhuiling e, nach do bhagair; ach a dh’earb e fhèin ris-san a bheir breith cheart:
24
Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh.
25
Oir bha sibh mar chaoraich a’ dol air seachran; ach thilleadh sibh a‑nis a‑chum Buachaille agus Easbaig ur n‑anama.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5