bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
1 Peter 3
1 Peter 3
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 4 →
1
Mar an ceudna, a mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, a‑chum ma tha dream air bith eas-umhail don fhacal, gum bi iadsan mar an ceudna, as eugmhais an fhacail, air an cosnadh le deagh chaitheamh-beatha nam ban;
2
Nuair a bheachdaicheas iad air ur caitheamh-beatha geamnaidh maille ri eagal.
3
Na b’i ur brèaghachd fighe an fhuilt agus a’ cur òir oirbh, agus dheagh thrusgan umaibh, a’ bhrèaghachd sin on leth a‑muigh:
4
Ach duine falaichte a’ chridhe, ann an neo-thruaillidheachd spioraid mhacanta agus chiùin, nì a tha ro‑luachmhor ann an sealladh Dhè.
5
Oir b’ann mar seo a rinn na mnathan naomha o shean, aig an robh am muinghinn ann an Dia, iad fhèin brèagha, air dhaibh a bhith umhail dam fir fhèin;
6
Amhail a thug Sàrah ùmhlachd do Abrahàm, a’ gairm tighearna dheth: don nigheanan sibhse am feadh a nì sibh gu math, agus gun gheilt oirbh le uamhas sam bith,
7
Mar an ceudna, fheara, gabhaibh-se còmhnaidh maille riu a rèir eòlais, a’ tabhairt urraim don mhnaoi mar an soitheach as anfhainne, agus mar mhuinntir a tha nan co‑oighreachan air gràs na beatha; a‑chum nach cuirear bacadh air ur n‑ùrnaighean.
8
Fa‑dheòidh, bithibh uile de aon inntinn, biodh co‑fhulangas agaibh ri chèile, gràdhaichibh a chèile mar bhràithrean, bithibh truacanta, càirdeil:
9
Na h‑ìocaibh olc airson uilc, no càineadh airson càinidh: ach na aghaidh sin, beannaichibh; air dhuibh fios a bhith agaibh gur ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh, a‑chum gun sealbhaicheadh sibh beannachadh mar oighreachd:
10
Oir ge bè lem b’àill beatha a ghràdhachadh, agus làithean matha fhaicinn, cumadh e a theanga o olc, agus a bhilean o labhairt ceilg;
11
Seachnadh e olc, agus dèanadh e math; iarradh e sìth, agus leanadh e i.
12
Oir tha sùilean an Tighearna air na fìreanan, agus a chluasan fosgailte rin ùrnaigh: ach tha gnùis an Tighearna an aghaidh na muinntir a nì olc.
13
Agus cò e a nì olc oirbh, ma bhios sibh nur luchd-leanmhainn air an nì sin a tha math?
14
Ach eadhon ma dh’fhuilingeas sibh air sgàth fìreantachd, is sona sibh: agus na biodh fiamh an eagail-san oirbh, agus na bithibh mì‑shuaimhneach;
15
Ach naomhaichibh an Tighearna Dia nur cridheachan: agus bithibh ullamh a‑ghnàth a‑chum freagradh a thoirt, maille ri ceannsachd agus eagal, do gach uile dhuine a dh’iarras oirbh reuson an dòchais a tha annaibh:
16
Air dhuibh deagh chogais a bhith agaibh: a‑chum, nuair a tha iad a’ labhairt uilc umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun gabh iad nàire, a tha a’ toirt toibheim dur deagh chaitheamh-beatha ann an Crìosd.
17
Oir is fheàrr, mas e sin toil Dhè, sibh a dh’fhulang airson math a dhèanamh, na airson olc a dhèanamh.
18
Oir dh’fhuiling Crìosd fhèin aon uair airson pheacaidhean, am fìrean airson nan neo-fhìrean (a‑chum gun tugadh e sinne gu Dia), air dha a bhith air a chur gu bàs anns an fheòil, ach air a bheothachadh tre an Spiorad.
19
Leis an deachaidh e mar an ceudna, agus an do shearmonaich e do na spioradan ann am prìosan;
20
A bha o shean eas-umhail, nuair a dh’fheith fad-fhulangas Dhè aon uair ann an làithean Nòah, am feadh a bha àirc ga h‑ullachadh, anns an robh beagan, sin ri ràdh, ochd anaman, air an tèarnadh tre uisge.
21
Tha am baisteadh, mar shamhlachas a tha a’ co‑fhreagradh dha seo (chan e cur dhinn sal na feòla, ach freagradh deagh chogais a‑thaobh Dhè), a‑nis gar tèarnadh-ne, tre aiseirigh Iosa Crìosd:
22
Neach air dha dol do nèamh, a tha air deaslàimh Dhè, air do ainglean, agus do uachdaranachdan, agus do chumhachdan a bhith air an cur fo a cheannsal.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5