bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
1 Peter 4
1 Peter 4
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
1
Uime sin, o dh’fhuiling Crìosd air ar son-ne anns an fheòil, armaichibh-se mar an ceudna sibh fhèin leis an inntinn cheudna: oir an tì a dh’fhuiling anns an fheòil, sguir e de pheacadh;
2
A‑chum nach caitheadh e fuidheall aimsir anns an fheòil, a rèir ana-miannan dhaoine, ach a rèir toil Dhè.
3
Oir is leòr dhuinn a’ chuid a chaidh seachad de aimsir ar beatha gu toil nan Cinneach a dhèanamh, nuair a shiubhail sinn ann am macnas, ann an ana-miannan, ann an anabarr fìona, ann an geòcaireachd, ann am pòiteireachd, agus ann an iodhal-adhradh ain-dligheach:
4
Nì anns a bheil iad a’ gabhail iongantais, do bhrìgh nach eil sibhse a’ ruith maille riu anns an neò-mheasarrachd cheudna gun tomhas, a’ labhairt uilc umaibh:
5
Muinntir a bheir cunntas dhàsan, a tha ullamh gu breith a thoirt air na beòthan agus air na mairbh.
6
Oir is ann a‑chum na crìche seo a shearmonaicheadh an soisgeul dhaibhsan a tha marbh mar an ceudna, a‑chum gun tugte breith orra a rèir dhaoine anns an fheòil, ach gum biodh iad beò a rèir Dhè anns an Spiorad.
7
Ach tha crìoch nan uile nithean am fagas: uime sin bithibh measarra, agus dèanaibh faire a‑chum ùrnaigh.
8
Agus ro na h‑uile nithean biodh agaibh teas-ghràdh da chèile; oir cuiridh gràdh falach air mòran pheacaidhean.
9
Thugaibh aoidheachd da chèile gun ghearan.
10
A rèir mar a fhuair gach aon an tìodhlac, mar sin dèanaibh frithealadh da chèile, mar dheagh stiùbhardan air gràs eugsamhail Dhè.
11
Ma labhras neach sam bith, labhradh e mar bhriathran Dhè; ma tha neach sam bith ri frithealadh, dèanadh e e mar on chomas a bheir Dia dha; a‑chum gum bi Dia air a ghlòrachadh anns na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd: dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.
12
A mhuinntir mo ghràidh, na biodh iongantas oirbh a‑thaobh na deuchainn theinntich, a thig oirbh a‑chum ur dearbhadh, mar gun tàrladh nì‑eigin neo-ghnàthach dhuibh:
13
Ach do bhrìgh gu bheil sibh nur luchd-compàirt de fhulangasan Chrìosd, dèanaibh gàirdeachas; a‑chum mar an ceudna, ann an àm foillseachadh a ghlòire, gun dèan sibh gàirdeachas le aoibhneas ro‑mhòr.
14
Ma mhaslaichear sibh airson ainm Chrìosd, is sona sibh; oir tha Spiorad na glòire agus Dhè a’ gabhail còmhnaidh oirbh; dan taobh-san gu deimhinn tha e a’ faotainn toibheim, ach dur taobh-se tha e air a ghlòrachadh.
15
Ach na fuilingeadh aon agaibh mar mhortair, no mar ghadaiche, mo mar fhear droch-bheairt, no mar neach a ghabhas gnothach ri nithean nach buin dha.
16
Gidheadh ma dh’fhuilingeas duine mar Chrìosdaidh, na biodh nàire air; ach thugadh e glòir do Dhia as a leth seo.
17
Oir thàinig an t‑àm anns an tòisich breitheanas aig taigh Dhè: agus ma thòisicheas e againne, ciod as crìoch dhaibhsan a tha eas-umhail do shoisgeul Dhè?
18
Agus mas ann air èiginn a thèarnar am fìrean, càit an taisbein an duine mì‑dhiadhaidh agus am peacach e fhèin?
19
Uime sin, an dream a dh’fhuilingeas a rèir toil Dhè, earbadh iad an anaman ris-san ann an dèanamh maith, mar ri Cruithear dìleas.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5