bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
1 Peter 5
1 Peter 5
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
1
Na seanairean a tha nur measg tha mi ag earalachadh, air a bhith dhomh fhèin am sheanair mar an ceudna, agus am fhianais air fulangasan Chrìosd, agus mar an ceudna am fhear-compàirt den ghlòir sin, a tha gu bhith air a foillseachadh:
2
Beathaichibh treud Dhè a tha nur measg, a’ gabhail cùraim dheth, chan ann a dh’aindeoin, ach gu deònach; chan ann airson buannachd shalaich, ach le inntinn ealamh;
3
Cha mhò mar thighearnan os cionn oighreachd Dhè, ach mar dhream a tha nan eisimpleirean don treud.
4
Agus nuair a dh’fhoillsichear an t‑Ard-bhuachaille, gheibh sibh crùn na glòire nach searg as.
5
Mar an ceudna, a dhaoine òga, bithibh umhail do na seanairean: seadh, bithibh uile umhail da chèile, agus bithibh air ur sgeadachadh le irioslachd: oir tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.
6
Uime sin irioslaichibh sibh fhèin fo làimh chumhachdaich Dhè, a‑chum is gun àrdaich e sibh ann an àm iomchaidh:
7
A’ tilgeadh ur n‑uile chùraim air-san: oir tha cùram aige dhibh.
8
Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas:
9
Cuiribh-se na aghaidh, air dhuibh a bhith daingeann anns a’ chreideamh, agus fhios a bhith agaibh gu bheil na fulangasan ceudna air an coileanadh nur bràithrean, a tha anns an t‑saoghal.
10
Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:
11
Dhàsan gu robh glòir agus cumhachd, gu saoghal nan saoghal. Amen.
12
Le Siluanus, bràthair dìleas (a rèir mo bharail-sa), sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh gu h‑aithghearr, a’ teagasg, agus a’ dèanamh fianais, gur e seo fìor-ghràs Dhè, anns a bheil sibh nur seasamh.
13
Tha an eaglais ann am Bàbilon, a thaghadh maille ribhse, a’ cur fàilte oirbh, agus Marcus mo mhac.
14
Cuiribh fàilte air a chèile le pòig ghràidh. Sìth gu robh maille ribh uile a tha ann an Iosa Crìosd. Amen.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
All chapters:
1
2
3
4
5