bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Hosea 10
Hosea 10
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 11 →
1
B’fhìonain thorrach Israel: thug e a‑mach toradh dha fhèin: a rèir pailteas a thoraidh chuir e altairean an lìonmhorachd; a rèir maitheas a fhearainn rinn e dealbhan àlainn.
2
Tha an cridhe air a roinn; a‑nis gheibhear ciontach iad: brisidh esan sìos an altairean: sgriosaidh e an dealbhan.
3
Oir a‑nis tha iad ag ràdh, Chan eil rìgh air bith againn, a chionn nach robh eagal an Tighearna oirnn: ciod uime sin a dhèanadh rìgh dhuinn?
4
Labhair iad briathran faoine, nuair a mhionnaich iad; breugan nuair a rinn iad coicheangal: mar seo tha breitheanas a’ fàs a‑nìos, mar an iteodha ann an claisean na machrach.
5
Airson laogh Bhet-abhein bidh eagal air luchd-àiteachaidh Shamaria; oir nì a shluagh caoidh os a chionn, agus a shagartan, acain air a shon; airson a ghlòire, oir dhealaich i ris.
6
Os bàrr bheirear e fhèin gu Asiria, mar thabhartas do rìgh Iareb: nì masladh greim air Ephraim, agus gabhaidh Israel nàire de a chomhairle fhèin.
7
Airson Shamaria, ghearradh a rìgh as mar an cobhar air uachdar an uisge.
8
Sgriosar fòs ionadan àrda Abhein, cionta Israeil: thig an droigheann agus am fòghnan a‑nìos air an altairean; agus their iad ris an slèibhtean, Falaichibh sinn, agus ris na beanntan, Tuitibh oirnn.
9
O Israeil, chiontaich thu nas mò na ann an làithean Ghibeah: an sin sheas iad: nach do rug an cath orra ann an Gibeah.
10
An aghaidh clann na h‑aingidheachd thàinig mise, agus smachdaich mi iad. Agus cruinnichear na slòigh nan aghaidh-san nuair a smachdaichear iad airson a dà chionta.
11
Agus bidh Ephraim na agh fòghlaimte, lem miann a bhith a’ saltairt a‑mach an arbhair; ach chaidh mise thairis air a muineal sgiamhach. Bheir mi air Ephraim marcachd; treabhaidh Iùdah, brisidh Iàcob a fhòidean.
12
Cuiribh dhuibh fhèin ann am fìreantachd, buainibh ann an toradh na tròcair: brisibh suas ur fearann neo-threabhte: oir is mithich Iehòbhah iarraidh, gus an tig e agus am fras e oirbh fìreantachd.
13
Threabh sibh aingidheachd, bhuain sibh euceart; dh’ith sibh toradh bhreugan: a chionn gun d’earb thu as do shlighe, à mòr-chuideachd do dhaoine treuna;
14
Uime sin èiridh buaireas am measg do shluaigh, agus bidh d’uile dhaingnichean air am milleadh, amhail a mhill Salmon Bet-arbel ann an là a’ chatha; ghearradh nam bloighdean a’ mhàthair agus a’ chlann le chèile.
15
Is amhail a nìthear ribhse, O Bhetel, airson ro‑mheud ur n‑aingidheachd: ann am madainn gearrar as gu cinnteach rìgh Israeil.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14