bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Hosea 12
Hosea 12
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 13 →
1
Tha Ephraim ag ionaltradh air gaoith, agus ag imeachd an dèidh na gaoithe an ear: gach aon là tha e a’ cur bhreug agus reubainn an lìonmhorachd; rinn iad fòs coicheangal ri Asiria, agus tha ola ga giùlan don Eiphit.
2
Tha còmhstri fòs aig an Tighearna ri Iùdah, agus nì e peanas air Iàcob a rèir a shlighean; a rèir a dhèanadais bheir e dha luigheachd.
3
Anns a’ bhroinn ghlac e a bhràthair air shàil; agus le a neart bha cumhachd aige maille ri Dia.
4
Seadh, bha cumhachd aige maille ris an aingeal; agus thug e buaidh: ghuil e, agus rinn e guidhe ris: fhuair e ann am Betel e, agus an sin labhair e ris.
5
Eadhon Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e Iehòbhah a chuimhneachan.
6
Uime sin till thusa rid Dhia: coimhead tròcair agus breitheanas; agus feith air do Dhia a‑ghnàth.
7
Is fear-malairt e: na làimh tha meidh na mealltaireachd; is toigh leis a bhith ri ainneart.
8
Agus thubhairt Ephraim, Gu deimhinn tha mi air fàs saoibhir, fhuair mi dhomh fhèin stòras: ann am shaothairean uile chan fhaigh iad euceart air bith annam a bhiodh na chionta.
9
Agus mise Iehòbhah do Dhia, a thug a‑nìos thu o thìr na h‑Eiphit, bheir mi ort fòs còmhnaidh a ghabhail ann am pàilleanan, mar ann an làithean na h‑àrd-fhèille.
10
Labhair mi fòs leis na fàidhean, agus rinn mi lìonmhor seallaidhean; agus le frithealadh nam fàidhean ghnàthaich mi cosamhlachdan.
11
Gu dearbh ann an Gilead tha euceart: gu cinnteach is dìomhanas iad; tha iad ag ìobradh tharbh ann an Gilgal; seadh, tha an altairean mar chùirn ann an claisean na machrach.
12
Ach theich Iàcob gu dùthaich Shiria; agus rinn Israel seirbhis airson mnà; agus airson mnà ghlèidh e caoraich.
13
Agus le fàidh thug an Tighearna Israel a‑mach as an Eiphit; agus le fàidh thèarnadh e.
14
Bhrosnaich Ephraim e a‑chum feirge gu ro‑shearbh: uime sin fàgaidh a Thighearna a fhuil air fhèin; agus tillidh e thuige fhèin a mhasladh.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14