bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Hosea 11
Hosea 11
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 12 →
1
Nuair a bha Israel na leanabh, an sin thug mise gràdh dha; agus a‑mach as an Eiphit ghairm mi mo mhac.
2
Nuair a ghairm iad orra, an sin dh’imich iadsan uapa: dh’ìobair iad do Bhàalim, agus loisg iad tùis do dhealbhan snaidhte.
3
Theagaisg mise fòs do Ephraim coiseachd, gan togail ann am ghàirdeanan; ach cha robh fhios aca gun do leighis mi iad.
4
Tharraing mi iad le cùird duine, le ceanglaichean gràidh; agus bha mi dhaibh mar neach a thogas dhiubh a’ chuing air an giallan, agus chuir mi sìos biadh dhaibh.
5
Cha till e gu tìr na h‑Eiphit, ach bidh an t‑Asirianach na rìgh air, a chionn gun do dhiùlt iad tilleadh riumsa.
6
Agus tuitidh an claidheamh gu trom air a bhailtean, agus caithidh e a gheugan; agus sluigidh e, airson an comhairlean.
7
Agus tha mo shluagh-sa ann an tì air cùl-sleamhnachadh uam; ged ghlaodh iad ris an Tì as àirde, chan àrdaicheadh aon neach e.
8
Cionnas a bheir mi thairis thu, O Ephraim! Cionnas a bheir mi seachad thu, O Israeil! Cionnas a nì mi thu mar Admah! A chuireas mi thu mar Sheboim! Tha mo chridhe an taobh a‑staigh dhìom air tionndadh; tha m’aithreachais air lasadh le chèile.
9
Cha chuir mi an gnìomh mo dhian-chorraich, cha till mi a mhilleadh Ephraim; oir is mise Dia, agus chan e duine; an Tì naomh ann ad mheadhon; gidheadh nach eil a’ tathaich bhailtean.
10
Siùbhlaidh iad an dèidh an Tighearna: beucaidh e mar leòmhann: nuair a bheucas e, an sin criothnaichidh na mic on àird an iar.
11
Itealaichidh iad mar eun as an Eiphit, agus mar chalaman à tìr Asiria; agus suidhichidh mise nan taighean iad, deir an Tighearna.
12
Tha Ephraim gam chuartachadh le breugan: agus taigh Israeil, le ceilg; ach fhathast tha Iùdah a’ riaghladh maille ri Dia; agus tha e dìleas maille ris na naoimh.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14