bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Hosea 7
Hosea 7
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 8 →
1
Nuair a b’àill leamsa Israel a leigheas, an sin leigeadh ris aingidheachd Ephraim agus euceart Shamaria: oir tha iad a’ cur an gnìomh ceilge: seadh, tha an gadaiche a’ dol a‑steach; tha a’ cheathairne ri creach a‑muigh.
2
Agus chan eil iad a’ toirt fa‑near nan cridhe gur cuimhne leamsa an uile aingidheachd: a‑nis chuartaich an gnìomharan fhèin iad air gach taobh; tha iad fa chomhair m’aghaidh-sa.
3
Len aingidheachd tha iad a’ dèanamh an rìgh ait, agus nan uachdaran lem breugan.
4
Is adhaltranaich iad uile; mar àmhainn air a teasachadh leis an fhuineadair, nuair a sguireas fear-obrachaidh na taoise de a fuineadh gus am bi i air a gortachadh.
5
Air là fèill ar rìgh, nuair a bha na prionnsachan air an teasachadh le fìon, shìn esan a‑mach a làmh le luchd-fanaid.
6
Oir dh’ullaich iad an cridhe mar àmhainn, am feadh a tha iad ri feall-fhalach: fad na h‑oidhche tha am fuineadair a’ cadal; anns a’ mhadainn tha i a’ losgadh mar theine lasrach.
7
Theasaich iad uile iad fhèin mar àmhainn, agus shluig iad am britheamhan; tha an rìghrean uile air tuiteam; chan eil aon nam measg a tha a’ gairm ormsa.
8
Ephraim, mheasg esan e fhèin leis na cinnich; is aran nach deachaidh a thionndadh Ephraim.
9
Shluig coigrich suas a neart, agus chan eil fhios aige air: seadh, tha fuilteanan liatha air, an siud agus an seo, gidheadh chan eil fhios aige air.
10
Agus tha uabhar Israeil a’ tabhairt fianais fa chomhair a shùl: gidheadh chan eil iad a’ tilleadh ris an Tighearna an Dia, no ga iarraidh airson seo uile.
11
Tha Ephraim fòs mar chalaman amaideach, gun eòlas: tha iad a’ glaodhaich ris an Eiphit, tha iad a’ triall gu Asiria.
12
Nuair a thriallas iad, sgaoilidh mise mo lìon thairis orra; mar eunlaith an adhair bheir mi a‑nuas iad; smachdaichidh mi iad nuair a dh’èisdeas iad rin coitheanal.
13
Mo thruaighe iad, oir theich iad uamsa! Lèirsgrios dhaibh, oir chiontaich iad am aghaidh-sa! Ged shaor mi iad, gidheadh labhair iad breugan am aghaidh.
14
Agus cha do ghlaodh iad riumsa len cridhe; ged rinn iad donnalaich air an leapaichean airson arbhair agus fìona; tha iad a’ cruinneachadh an ceann a chèile, tha iad ag èirigh suas am aghaidh-sa.
15
Seadh, smachdaich mi iad; neartaich mi fòs an gàirdeanan; gidheadh tha iad a’ dealbh aimhleis am aghaidh.
16
Tha iad a’ tionndadh an dèidh nì gun bhuannachd: tha iad mar bhogha cealgach: tuitidh an uachdarain leis a’ chlaidheamh, airson nimh an teangaidh: seo cùis am maslaidh ann an tìr na h‑Eiphit.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14