bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Judges 12
Judges 12
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 13 →
1
Agus chruinnicheadh fir Ephraim an ceann a chèile, agus chaidh iad thairis mu thuath, agus thubhairt iad ri Iephtah, Carson a chaidh thu thairis a chogadh an aghaidh chloinn Amoin, agus nach do ghairm thu oirnne gu dol maille riut? Loisgidh sinn do thaigh ort le teine.
2
Agus thubhairt Iephtah riu, Bha agamsa agus aig mo shluagh còmhstri mhòr ri cloinn Amoin; agus nuair a ghairm mi oirbh, cha do shaor sibh mi as an làimh.
3
Agus nuair a chunnaic mi nach do shaor sibh mi, chuir mi m’anam am làimh, agus chaidh mi a‑null an aghaidh chloinn Amoin, agus thug an Tighearna thairis iad dom làimh: carson, matà, a tha sibh air teachd a‑nìos am ionnsaigh-sa an‑diugh, a chogadh am aghaidh?
4
An sin chruinnich Iephtah cuideachd fir Ghilead uile, agus chog e ri Ephraim: agus bhuail fir Ghilead Ephraim, a chionn gun dubhairt iad, Is luchd-fuadain de Ephraim sibhse, a Ghileadacha, am measg Ephraim agus am measg Mhanaseh.
5
Agus ghlac na Gileadaich àthan Iòrdain air na h‑Ephraimich: agus nuair a thubhairt na h‑Ephraimich sin a chaidh as, Leig dhomh dol thairis, thubhairt fir Ghilead ris, An Ephraimeach thu? Ma thubhairt esan, Chan eadh;
6
An sin thubhairt iadsan ris, Abair a‑nis Schibolet; agus thubhairt esan Sibolet: oir cha b’urrainn e a ràdh gu ceart. An sin ghabh iad e, agus mharbh iad e aig àthan Iòrdain; agus thuit anns an àm sin de na h‑Ephraimich a dhà agus dà‑fhichead mìle.
7
Agus thug Iephtah breith air Israel sia bliadhna. An sin fhuair Iephtah an Gileadach bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an aon de bhailtean Ghilead.
8
Agus na dhèidh-san thug Ibsan o Bhetlehem breith air Israel.
9
Agus bha deich-ar‑fhichead mac aige, agus deich-ar‑fhichead nighean, a chuir e a‑mach uaithe, agus ghabh e deich-ar‑fhichead nighean a‑steach da ionnsaigh airson a mhac. Agus thug e breith air Israel seachd bliadhna.
10
Agus fhuair Ibsan bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann am Betlehem.
11
Agus na dhèidh-san thug Elon, an Sebulonach, breith air Israel: agus thug e breith air Israel deich bliadhna.
12
Agus fhuair Elon an Sebulonach bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an Aialon, ann an tìr Shebuloin.
13
Agus na dhèidh-san thug Abdon mac Hileil, Piratonach, breith air Israel.
14
Agus bha dà‑fhichead mac aige, agus deich-ar‑fhichead mac a mhac, a mharcaich air deich agus trì-fichead asal òg: agus thug e breith air Israel ochd bliadhna.
15
Agus fhuair Abdon mac Hileil am Piratonach bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann am Piraton, ann an tìr Ephraim, ann an sliabh nan Amaleceach.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21