bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Judges 5
Judges 5
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 6 →
1
Agus chan Deborah, agus Barac mac Abinoaim, air an là sin, ag ràdh,
2
A chionn gun do ghabh Israel dìoghaltas, a chionn gun do thairg an sluagh iad fhèin gu toileach, molaibh-se an Tighearna.
3
Eisdibh, a rìghrean; thugaibh aire, a cheannardan: canaidh mise, mise fhèin, don Tighearna; canaidh mi don Tighearna Dia Israeil.
4
A Thighearna, nuair a chaidh thu a‑mach à Seir, nuair a shiubhail thu a‑mach à tìr Edoim, chriothnaich an talamh, agus shil na nèamhan; shil na neòil mar an ceudna uisge.
5
Leagh na slèibhtean o làthair an Tighearna, Sinài sin fhèin o làthair an Tighearna, Dia Israeil.
6
Ann an làithean Shamgair mhic Anait, ann an làithean Iaeil, bha na rathaidean mòra gun tathaich, agus dh’imich an luchd-turais air rathaidean seachranach.
7
Sguir luchd-àiteachaidh nam bailtean ann an Israel, sguir iad gus an d’èirich mise Deborah, gus an d’èirich mise am mhàthair ann an Israel.
8
Thagh iad diathan nuadha; an sin bha cogadh anns na geatachan: an robh sgiath no sleagh rim faicinn am measg dà‑fhichead mìle ann an Israel?
9
Tha mo chridhe le uachdarain Israeil, a thairg iad fhèin gu toileach am measg an t‑sluaigh. Beannaichibh an Tighearna.
10
Sibhse a tha a’ marcachd air asail gheala, sibhse a tha nur suidhe am breitheanas, agus a’ siubhal an ròid, labhraibh.
11
Iadsan a tha air an saoradh o fhuaim nam fear-bogha ann an ionadan tarraing an uisge, an sin aithrisidh iad gnìomharan cothromach an Tighearna, eadhon na gnìomharan cothromach a‑thaobh luchd-àiteachaidh a bhailtean ann an Israel: an sin thèid sluagh an Tighearna sìos a dh’ionnsaigh nan geatachan.
12
Dùisg, dùisg, a Dheborah; dùisg, dùisg; can òran: èirich, a Bharaic, agus thoir do bhruid ann am braighdeanas, thusa a mhic Abinoaim.
13
An sin thug e airsan a mhaireas tighearnas a bhith aige air na h‑uaislean am measg an t‑sluaigh: thug an Tighearna ormsa tighearnas a bhith agam os cionn nan cumhachdach.
14
A Ephraim bha freumh dhiubh an aghaidh Amaleic; ad dhèidh-sa, a Bheniàmin, am measg do sluaigh: à Machir thàinig a‑nuas lagh-thabhairtairean, agus à Sebulun iadsan a làimhsicheas peann an sgrìobhadair.
15
Agus bha ceannardan Isachair le Deborah, eadhon Isachar, agus mar an ceudna Barac: don ghleann chuireadh esan sìos da chois. Airson roinnean Reubein bha smuaintean mòra cridhe.
16
Carson a dh’fhuirich thu am measg cròthan nan caorach, a chluinntinn mèilich nan treud? Airson roinnean Reubein bha smuaintean mòra cridhe.
17
Dh’fhan Gilead an taobh thall de Iòrdan: agus carson a dh’fhuirich Dan ann an longan? Dh’fhan Aseir air tràigh na fairge, agus na bheàrnan ghabh e còmhnaidh.
18
Bu shluagh Sebulun agus Naphtali a chuir an anaman ann an cunnart gu bàs ann an àitean àrda an fhearainn.
19
Thàinig na rìghrean agus chog iad; an sin chog rìghrean Chanàain ann an Taanach làimh ri uisgeachan Mhegido; cha do ghabh iad buannachd air bith airgid.
20
O nèamh chog na reultan; on slighean àrda chog iad an aghaidh Shisera.
21
Sguab sruth Chisoin air falbh iad, an seann sruth sin, sruth Chisoin. O m’anam, shaltair thu sìos neart.
22
An sin bhruthadh iongannan nan each le leumnaich, leumnaich an aona cumhachdaich.
23
Mallaichibh-se Meros, (thubhairt aingeal an Tighearna); mallaichibh gu mòr a luchd-àiteachaidh: a chionn nach tàinig iad gu còmhnadh an Tighearna, gu còmhnadh an Tighearna an aghaidh nan cumhachdach.
24
Beannaichte os cionn bhan bidh Iael bean Hebeir, an Ceneach; beannaichte bidh i os cionn bhan anns a’ bhùth.
25
Dh’iarr e uisge, thug i dha bainne; ann an soitheach uasal thug i an làthair ìm.
26
Chuir i a làmh ris an tarraing, a làmh dheas ri òrd an luchd-obrach: agus leis an òrd bhuail i Sisera; bhuail i a cheann, agus lot i, agus shàth i tro a lethcheann.
27
Aig a casan chrom e, thuit e, laigh e sìos: aig a casan chrom e, thuit e; far an do chrom e, an sin thuit e sìos marbh.
28
A‑mach air uinneig dh’amhairc màthair Shisera, agus ghlaodh i tron chlèith, Carson a tha a charbad cho fada a’ teachd? Carson a tha rothan a charbaid a’ dèanamh moille?
29
Fhreagair a ban-tighearnan glice i, seadh, thug i freagradh dhi fhèin.
30
Nach d’fhuair iad, nach eil iad a’ roinn na creiche? Maighdeann no dhà do gach fear? Creach iomadh-dathach do Shisera, creach iomadh-dathach de obair snàthaide, iomadh-dathach de obair snàthaide air gach taobh, airson muinealan na muinntir sin a ghlacas a’ chreach?
31
Mar sin rachadh as dod naimhdean uile, a Thighearna; ach biodh iadsan leis an ionmhainn e mar a’ ghrian nuair a thèid i a‑mach na neart. Agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21