bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Judges 8
Judges 8
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 9 →
1
Agus thubhairt fir Ephraim ris, Ciod e an nì seo a rinn thu oirnn, nach do ghairm thu oirnn nuair a chaidh thu a chogadh an aghaidh nam Midianach? Agus throid iad ris gu geur.
2
Agus thubhairt e riu, Ciod a‑nis a rinn mise an coimeas ribhse? Nach fheàrr dìoghlam fìondhearcan Ephraim na fìonfhoghar Abieseir?
3
Thug Dia thairis dur làimh ceannardan Mhidiain, Oreb agus Seeb: agus ciod a b’urrainn mise a dhèanamh an coimeas ribhse? An sin thraogh am fearg ris, nuair a thubhairt e sin.
4
Agus thàinig Gideon gu Iòrdan, agus chaidh e thairis, e fhèin agus an trì cheud fear a bha maille ris, sgìth, gidheadh air an tòir.
5
Agus thubhairt e ri fir Shucoit, Thugaibh, guidheam oirbh, buileannan arain don t‑sluagh a tha gam leantainn; oir tha iad sgìth, agus tha mi air tòir Shèba agus Shalmuna, rìghrean Mhidiain.
6
Agus thubhairt ceannardan Shucoit, A bheil làmhan Shèba agus Shalmuna a‑nis ann ad làimh, gun tugamaid aran dod armailt?
7
Agus thubhairt Gideon, Uime sin nuair a bheir an Tighearna Sèba agus Salmuna thairis dom làimh, an sin reubaidh mi ur feòil le sgitheach an fhàsaich, agus le drisean.
8
Agus chaidh e suas a sin gu Penuel, agus labhair e riùsan air a’ mhodh cheudna: agus fhreagair daoine Phenueil e, mar a fhreagair daoine Shucoit.
9
Agus labhair e cuideachd ri daoine Phenueil, ag ràdh, Nuair a thig mi a‑rìs ann an sìth, brisidh mi sìos an tùr seo.
10
A‑nis bha Sèba agus Salmuna ann an Carcor, agus an slòigh maille riu, mu thimcheall còig-mìle-deug fear, an t‑iomlan a dh’fhàgadh de shlòigh clann na h‑àird an ear uile: oir thuit ceud agus fichead mìle fear a tharraing claidheamh.
11
Agus chaidh Gideon suas air slighe na muinntir a tha nan còmhnaidh ann am bùthan, air an làimh an ear de Nobah, agus de Iogbehah, agus bhuail e an sluagh; oir bha an sluagh gun umhail.
12
Agus nuair a theich Sèba agus Salmuna, chaidh e air an tòir, agus ghlac e dà rìgh Mhidiain, Sèba agus Salmuna, agus chuir e geilt air an t‑sluagh uile.
13
Agus thill Gideon mac Iòais on chath ro èirigh na grèine.
14
Agus ghlac e òigfhear de dhaoine Shucoit, agus dh’fhiosraich e dheth: agus sgrìobh e dha ainmean ceannardan Shucoit, agus a sheanairean, trì-fichead agus seachd-fir-dheug.
15
Agus thàinig e gu fir Shucoit, agus thubhairt e, Feuchaibh, Sèba agus Salmuna a thilg sibh orm, ag ràdh, A bheil làmhan Shèba agus Shalmuna a‑nis ad làimh-sa, gun tugamaid aran dod dhaoine a tha sgìth?
16
Agus ghlac e seanairean a’ bhaile, agus ghabh e sgitheach an fhàsaich agus drisean, agus leò seo reub e fir Shucoit.
17
Agus leag e sìos tùr Phenueil, agus mharbh e fir a’ bhaile.
18
An sin thubhairt e ri Sèba agus ri Salmuna, Ciod a’ ghnè dhaoine a mharbh sibh ann an Tabor? Agus fhreagair iad, Mar tha thusa, is amhail a bha iadsan; gach aon cosmhail ri cloinn rìgh.
19
Agus thubhairt e, B’iad sin mo bhràithrean-sa, mic mo mhàthar: mar as beò an Tighearna, nan do ghlèidh sibh beò iadsan, cha mharbhainn-sa sibhse.
20
Agus thubhairt e ri Ieter a chiad-ghin, Eirich, marbh iad: ach cha do tharraing an t‑òganach a chlaidheamh; oir bha eagal air, a chionn gu robh e fhathast na òganach.
21
An sin thubhairt Sèba agus Salmuna, Eirich fhèin, agus buail oirnn: oir mar an duine, tha a neart. Agus dh’èirich Gideon, agus mharbh e Sèba agus Salmuna, agus thug e leis na h‑usgraichean a bha air amhaichean an càmhal.
22
An sin thubhairt fir Israeil ri Gideon, Bi‑sa ad uachdaran oirnn, thu fhèin, agus do mhac, agus mac do mhic mar an ceudna: oir shaor thu sinn à làimh Mhidiain.
23
Agus thubhairt Gideon riu, Cha bhi mise am uachdaran oirbh, cha mhò a bhios mo mhac na uachdaran oirbh; bidh an Tighearna na uachdaran oirbh.
24
Agus thubhairt Gideon riu, Dh’iarrainn aon athchuinge oirbh, gun tugadh gach duine dhibh cluas-fhàinnean a chreiche dhomh: (oir bha cluas-fhàinnean òir aca, a chionn gum b’Ismaelich iad).
25
Agus fhreagair iad, Bheir sinne gu toileach dhut iad. Agus sgaoil iad aodach, agus thilg iad an sin, gach duine cluas-fhàinnean a chreiche.
26
Agus b’e cudthrom nan cluas-fhàinnean òir a dh’iarr e mìle agus seachd ceud secel òir, a thuilleadh air usgraichean, agus cluigeinean, agus aodach corcair a bha air rìghrean Mhidiain, agus a thuilleadh air na slabhraidhean a bha air amhaichean an càmhal.
27
Agus rinn Gideon èphod dheth, agus chuir e i na bhaile fhèin, eadhon ann an Ophrah; agus chaidh Israel uile an sin le strìopachas na dèidh; agus rinneadh sin na ribe do Ghideon agus da thaigh.
28
Mar seo chìosnaicheadh Midian ro chloinn Israeil, agus cha do thog iad an ceann tuilleadh: agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna ann an làithean Ghideoin.
29
Agus chaidh Ierubàal mac Iòais, agus ghabh e còmhnaidh na thaigh fhèin.
30
Agus bha aig Gideon deichnear agus trì-fichead mac a thàinig o a leasraidh fhèin; oir bha mòran bhan aige.
31
Agus a choileabach a bha ann an Sechem, rug ise mar an ceudna mac dha, air an tug e Abimelech mar ainm.
32
Agus fhuair Gideon mac Iòais bàs ann an deagh sheann aois, agus dh’adhlaiceadh e ann an uaigh Iòais, a athair, ann an Ophrah nan Abiesrach.
33
Agus cho luath is a fhuair Gideon bàs, thill clann Israeil a‑rìs, agus chaidh iad le strìopachas an dèidh Bhàalim, agus rinn iad Bàal-berit na dhia dhaibh fhèin.
34
Agus cha do chuimhnich clann Israeil an Tighearna an Dia, a shaor iad à làimh an naimhdean uile air gach taobh:
35
Cha mhò a nochd iad coibhneas do thaigh Ierubàail, eadhon Gideon, a rèir a’ mhathais sin uile a nochd e do Israel.
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 9 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21