bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Judges 20
Judges 20
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 21 →
1
An sin chaidh clann Israeil uile a‑mach, agus chruinnicheadh an coitheanal ri chèile mar aon duine, o Dhan gu Beersèba, agus o thìr Ghilead, a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh.
2
Agus nochd prìomh-dhaoine an t‑sluaigh uile, eadhon treubhan Israeil uile, iad fhèin ann an coitheanal sluagh Dhè, ceithir cheud mìle coisiche a tharraing claidheamh.
3
(A‑nis chuala clann Bheniàmin gun deachaidh clann Israeil suas gu Mispeh.) Agus thubhairt clann Israeil, Innsibh cionnas a bha an t‑olc seo.
4
Agus fhreagair an Lèbhitheach, fear na mnà a mharbhadh, agus thubhairt e, Gu Gibeah, a bhuineas do Bheniàmin, thàinig mise agus mo choileabach, gu fantainn ann rè na h‑oidhche:
5
Agus dh’èirich fir Ghibeah am aghaidh, agus chuartaich iad an taigh mun cuairt orm anns an oidhche: mi fhèin b’àill leo a mharbhadh, agus air mo choileabach rinn iad èiginn, agus tha i marbh.
6
Agus rug mi air mo choileabach, agus gheàrr mi i na mìrean, agus chuir mi i air feadh uile fhearann oighreachd Israeil: oir rinn iad cionta agus gràinealachd ann an Israel.
7
Feuch, is clann Israeil sibh uile; thugaibh seachad an seo ur facal agus ur comhairle.
8
Agus dh’èirich an sluagh uile mar aon duine, ag ràdh, Cha tèid neach air bith dhinn da bhùth, agus cha tionndaidh neach air bith dhinn a‑steach da thaigh:
9
Ach a‑nis seo an nì a nì sinn ri Gibeah: thèid sinn suas le crannchur na aghaidh.
10
Agus gabhaidh sinn deich fir as a’ cheud air feadh uile threubhan Israeil, agus ceud as a’ mhìle, agus mìle as na deich mìle, a thoirt lòin a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, a‑chum gun dèan iad, nuair a thig iad gu Gibeah Bheniàmin, a rèir na gràinealachd uile a rinn iadsan ann an Israel.
11
Mar sin chruinnicheadh fir Israeil uile an aghaidh a’ bhaile, ceangailte ri chèile mar aon duine.
12
Agus chuir treubhan Israeil daoine air feadh uile threubhan Bheniàmin, ag ràdh, Ciod e an t‑olc seo a rinneadh nur measg?
13
A‑nis, matà, thugaibh thairis dhuinn na daoine, clann Bheliail, a tha ann an Gibeah, a‑chum gun cuir sinn gu bàs iad, agus gun cuir sinn air falbh olc o Israel. Ach chan èisdeadh clann Bheniàmin ri guth am bràithrean, clann Israeil:
14
Ach chruinnich clann Bheniàmin iad fhèin an ceann a chèile as na bailtean gu Gibeah, a‑chum dol a‑mach gu cath an aghaidh chloinn Israeil.
15
Agus dh’àirmheadh clann Bheniàmin anns an àm sin as na bailtean, sia-mìle-ar‑fhichead fear a tharraing claidheamh, a bhàrr air luchd-àiteachaidh Ghibeah.
16
Dh’àirmheadh seachd ceud fear taghte am measg an t‑sluaigh seo uile, seachd ceud fear taghte clì-làmhach: thilgeadh gach aon dhiubh seo clach à crann-tabhaill air leud ròineige, agus cha mhearachdaicheadh e.
17
Agus dh’àirmheadh clann Israeil air leth o Bheniàmin, ceithir cheud mìle fear a tharraing claidheamh: b’fhir-chogaidh iad seo uile.
18
Agus dh’èirich clann Israeil, agus chaidh iad suas gu taigh Dhè, agus dh’fhiosraich iad de Dhia, agus thubhairt iad, Cò dhinn a thèid suas air tùs gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin? Agus thubhairt an Tighearna, Thèid Iùdah suas air tùs.
19
Agus dh’èirich clann Israeil anns a’ mhadainn, agus champaich iad an aghaidh Ghibeah.
20
Agus chaidh fir Israeil a‑mach gu cath an aghaidh Bheniàmin; agus chuir fir Israeil iad fhèin ann an òrdagh catha nan aghaidh aig Gibeah.
21
Agus thàinig clann Bheniàmin a‑mach à Gibeah, agus sgrios iad sìos gu làr de chloinn Israeil air an là sin, dà mhìle ar fhichead fear.
22
Agus ghabh an sluagh, fir Israeil, misneach dhaibh fhèin, agus chuir iad a‑rìs an cath ann an òrdagh, far an do chuir iad iad fhèin an òrdagh air a’ chiad là.
23
(Agus chaidh clann Israeil suas, agus ghuil iad am fianais an Tighearna gu feasgar, agus dh’fhiosraich iad den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas a‑rìs gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin, mo bhràthair? Agus thubhairt an Tighearna, Rachaibh suas na aghaidh.)
24
Agus thàinig clann Israeil am fagas an aghaidh chloinn Bheniàmin an dara là.
25
Agus chaidh Beniàmin a‑mach nan aghaidh à Gibeah an dara là, agus sgrios iad de chloinn Israeil a‑rìs ochd-mìle-deug fear sìos gu làr; tharraing iad seo uile claidheamh.
26
Agus chaidh clann Israeil uile agus an sluagh uile suas, agus thàinig iad gu taigh Dhè, agus ghuil iad, agus shuidh iad an sin am fianais an Tighearna, agus thraisg iad air an là sin gu feasgar, agus dh’ìobair iad ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìthe am fianais an Tighearna.
27
Agus dh’fhiosraich clann Israeil den Tighearna, (oir bha àirc coicheangal Dhè an sin anns na làithean sin;
28
Agus sheas Phinehas, mac Eleàsair mhic Aaroin, na làthair anns na làithean sin,) ag ràdh, An tèid mi fhathast a‑rìs a‑mach gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin, mo bhràthair, no an sguir mi? Agus thubhairt an Tighearna, Rachaibh suas; oir a‑màireach bheir mise thairis iad dod làimh.
29
Agus chuir Israel luchd feall-fhalaich mun cuairt air Gibeah.
30
Agus chaidh clann Israeil suas an aghaidh chloinn Bheniàmin air an treas là, agus chuir iad iad fhèin ann an òrdagh catha an aghaidh Ghibeah, mar air uairean eile.
31
Agus chaidh clann Bheniàmin a‑mach an aghaidh an t‑sluaigh, agus thàirngeadh air falbh iad on bhaile; agus thòisich iad air cuid den t‑sluagh a bhualadh agus a mharbhadh, mar air uairean eile, anns na rathaidean mòra, de a bheil aon a’ dol suas gu taigh Dhè, agus aon gu Gibeah anns an fhearann, mu thimcheall deich-fir-fhichead de Israel.
32
Agus thubhairt clann Bheniàmin, Tha iad air am bualadh sìos romhainn, mar air tùs. Ach thubhairt clann Israeil, Teicheamaid, agus tàirngeamaid iad on bhaile gu ruig na rathaidean mòra.
33
Agus dh’èirich clann Israeil uile suas as an àite, agus chuir iad iad fhèin ann an òrdagh catha ann am Bàal-tàmar: agus thàinig luchd feall-fhalaich Israeil a‑mach as an àitean, eadhon o uchdaich Ghibeah.
34
Agus thàinig an aghaidh Ghibeah deich mìle fear taghte a‑mach à Israel uile, agus bha an cath cruaidh: ach cha robh fhios aca gu robh olc am fagas dhaibh.
35
Agus bhuail an Tighearna Beniàmin am fianais Israeil: agus sgrios clann Israeil de Bheniàmin air an là sin còig-mìle-fichead agus ceud fear; tharraing iad seo uile claidheamh.
36
Agus chunnaic clann Bheniàmin gun do bhuaileadh iad: oir thug fir Israeil àite do na Beniàminich, a chionn gun d’earb iad ris an luchd feall-fhalaich a shuidhich iad làimh ri Gibeah.
37
Agus rinn an luchd feall-fhalaich cabhag, agus ruith iad a‑steach air Gibeah; agus tharraing an luchd feall-fhalaich air an aghaidh, agus bhuail iad am baile uile le faobhar a’ chlaidheimh.
38
A‑nis bha comharradh suidhichte eadar fir Israeil agus an luchd feall-fhalaich, gun tugadh iad air lasair mhòir le deataich èirigh suas as a’ bhaile.
39
Agus nuair a chaidh fir Israeil air an ais anns a’ chath, thòisich Beniàmin air fir Israeil a bhualadh, agus mharbh iad dhiubh mu thimcheall deich-ar‑fhichead fear: oir thubhairt iad, Gu cinnteach tha iad air am bualadh sìos romhainn, mar anns a’ chiad chath.
40
Agus nuair a thòisich an lasair air èirigh suas as a’ bhaile, maille ri meall deataich, dh’amhairc na Beniàminich air an cùlaibh, agus, feuch, dh’èirich deatach a’ bhaile suas gu nèamh.
41
Agus nuair a thill fir Israeil a‑rìs, bha uamhas air fir Bheniàmin; oir chunnaic iad gu robh olc air teachd orra.
42
Uime sin thionndaidh iad an aghaidh am fianais chloinn Israeil ri slighe an fhàsaich; ach rug an cath orra: agus iadsan a thàinig a‑mach as na bailtean sgrios iad nam meadhon.
43
Chuartaich iad na Beniàminich air gach taobh, ruaig iad iad, shaltair iad orra gun spàirn thall fa chomhair Ghibeah, leth ri èirigh na grèine.
44
Agus thuit de Bheniàmin ochd-mìle-deug fear; iad uile nan daoine treuna.
45
Agus thill iad, agus theich iad a dh’ionnsaigh an fhàsaich gu carraig Rimoin, agus dhìoghlaim iad dhiubh air na rathaidean mòra còig mìle fear; agus lean iad gu cruaidh iad gu ruig Gidom, agus mharbh iad dhiubh dà mhìle fear.
46
Agus b’iadsan uile a thuit de Bheniàmin air an là sin, còig mìle ar fhichead fear a tharraing claidheamh; iad uile nan daoine treuna.
47
Ach thill sia ceud fear, agus theich iad don fhàsach gu carraig Rimoin, agus dh’fhan iad ann an carraig Rimoin ceithir mìosan.
48
Agus thill clann Israeil air an ais air cloinn Bheniàmin, agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, araon daoine gach baile, agus an sprèidh, agus gach nì air bith a fhuaireadh ann: mar an ceudna chuir iad ri theine na bailtean uile don tàinig iad.
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 21 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21