bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Zechariah 1
Zechariah 1
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 2 →
1
Anns an ochdamh mìos, ann an dara bliadhna Dhariuis, thàinig facal an Tighearna gu Sechariah mac Bharachiah, mhic Ido, am fàidh, ag ràdh,
2
Bha corraich ro‑mhòr air an Tighearna ri ur n‑athraichean:
3
Agus abair thusa riu, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Tillibh-se riumsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; agus tillidh mise ribhse, deir Tighearna nan sluagh.
4
Na bithibh mar ur n‑athraichean, ris an do ghlaodh na fàidhean a bha ann roimhe seo, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Tillibh-se a‑nis o ur droch shlighean, agus o ur droch dhèanadais. Ach cha d’èisd iad, cha mhò a thug iad aire dhòmhsa, deir an Tighearna.
5
Ur n‑athraichean, càit a bheil iad? Agus na fàidhean, am mair iad beò am feasd?
6
Ach mo bhriathran-sa, agus mo reachdan, a dh’àithn mi dom òglaich na fàidhean, nach do rinn iad greim air ur n‑athraichean? Agus nach dubhairt iad, Amhail mar a shaoil Tighearna nan sluagh a dhèanamh rinne, a rèir ar slighean, agus a rèir ar dèanadais, mar sin rinn e rinn.
7
Air a’ cheathramh-là‑fichead den aon-mhìos-deug (sin am mìos Sèbat), ann an dara bliadhna Dhariuis, thàinig facal an Tighearna gu Sechariah, mac Bharachiah, mhic Ido, am fàidh, ag ràdh,
8
Chunnaic mi anns an oidhche, agus feuch duine a’ marcachd air each ruadh, agus sheas e am measg nan craobhan-miortail a bha anns a’ ghleann, agus air a chùlaibh bha eich ruadha, bhreaca, agus bhàna.
9
An sin thubhairt mi, Ciod iad seo, O mo Thighearna? Agus thubhairt an t‑aingeal a labhair rium, Feuchaidh mise dhut ciod iad seo.
10
Agus fhreagair am fear a bha na sheasamh am measg nan craobhan miortail, agus thubhairt e, Seo iadsan a chuir an Tighearna gu siubhal sìos agus suas air feadh na talmhainn.
11
Agus fhreagair iad aingeal an Tighearna, a sheas am measg nan craobhan miortail, agus thubhairt iad, Shiubhail sinne a‑nìos agus sìos air feadh na talmhainn; agus, feuch, tha an talamh uile na thàmh, agus a’ gabhail fois.
12
An sin fhreagair aingeal an Tighearna, agus thubhairt e, O Thighearna nan sluagh, cia fhad a bhios tu gun tròcair a dhèanamh air Ierusalem, agus air bailtean Iùdah, ris a bheil thu ann an corraich a‑nis deich agus trì-fichead bliadhna?
13
Agus fhreagair an Tighearna an t‑aingeal a labhair riumsa, le briathran matha, le briathran sòlasach.
14
Mar sin thubhairt an t‑aingeal a bha a’ labhairt rium, Glaodh thusa, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Tha mise eudmhor airson Ierusaleim, agus airson Shioin le eud mòr:
15
Agus tha mi ann an corraich ro‑mhòir ris na cinnich a tha suaimhneach; oir cha robh ormsa ach corraich bheag, agus chuidich iadsan air a h‑aghaidh an dòrainn.
16
Air an adhbhar sin mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Thill mi ri Ierusalem le tròcairean: bidh mo thaigh air a thogail ann, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus bidh sreang-thomhais air a sgaoileadh a‑mach air Ierusalem.
17
Glaodh fhathast ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Bidh mo bhailtean-sa fhathast air an sgaoileadh a‑mach le soirbheachadh, agus bheir an Tighearna fhathast comhfhurtachd do Shion, agus roghnaichidh e fhathast Ierusalem.
18
An sin thog mi suas mo shùilean, agus chunnaic mi; agus feuch ceithir adhaircean.
19
Agus thubhairt mi ris an aingeal a bha a’ labhairt rium, Ciod iad seo? Agus fhreagair esan mi, Is iad seo na h‑adhaircean a sgap Iùdah, Israel, agus Ierusalem.
20
Agus dh’fheuch an Tighearna dhomh ceithir fir-cheàirde.
21
An sin thubhairt mi, Ciod a thàinig iad seo gu a dhèanamh? Agus labhair esan, ag ràdh, Is iad seo na h‑adhaircean a sgap Iùdah, ionnas nach do thog aon duine suas a cheann: ach thàinig iad seo a‑chum eagal a chur orra, a thilgeadh a‑mach adhaircean nan cinneach a thog suas an adharc an aghaidh fearann Iùdah, a‑chum a sgapadh.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
Recommended Reading
Commentary
Zechariah Commentaries
→
Devotional
Zechariah Devotional Guide
→
Get This Bible
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba , Study Bible
→