bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Zechariah 13
Zechariah 13
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 14 →
1
Anns an là sin bidh tobar air fhosgladh do thaigh Dhaibhidh, agus do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, airson peacaidh agus airson neòghlaine.
2
Agus tàrlaidh air an là sin, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, gun geàrr mise a‑mach ainmean nan iodhalan as an fhearann, agus cha chuimhnichear iad nas mò; agus fòs bheir mi air na fiosaichean agus na spioradan neòghlan siubhal a‑mach as an fhearann.
3
Agus tàrlaidh nuair a nì duine sam bith fàistneachd, an sin gun abair a athair agus a mhàthair, a ghin e, ris, Cha mhair thu beò; oir labhair thu breugan ann an ainm an Tighearna: agus nì a athair agus a mhàthair a ghin e, a bhualadh troimhe nuair a nì e fàistneachd.
4
Agus tàrlaidh anns an là sin gum bi nàire air na fàidhean, gach aon de a shealladh nuair a nì e fàistneachd: cha mhò a chuireas iad umpa fallaingean molach gu mealladh.
5
Ach their gach aon, Chan fhàidh mise, is treabhaiche mi; oir tha còir aig duine eile orm om òige.
6
Agus their aon ris, Ciod iad na lotan sin ann ad làmhan? An sin freagraidh esan, Iad sin leis an do lotadh mi ann an taigh mo chàirdean.
7
Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine a tha na dhlùth-chompanach dhòmhsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Buailidh mise am buachaille, agus bidh an treud air a sgapadh; agus tionndaidhidh mi mo làmh air a’ mhuinntir bhig.
8
Agus tàrlaidh anns an fhearann uile tha an Tighearna ag ràdh, gun gearrar as dà thrian ann, agus gum bàsaich iad; ach bidh an treas trian air fhàgail ann.
9
Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 14 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14