bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Zechariah 5
Zechariah 5
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 6 →
1
Agus thog mi suas mo shùilean a‑rìs agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ròla ag itealaich.
2
Agus thubhairt esan rium, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus fhreagair mise, tha mi a’ faicinn ròla ag itealaich, fichead làmh-choille air fad, agus deich làmhan-coille air leud.
3
An sin thubhairt e rium, Is e seo am mallachd a tha a’ dol a‑mach air aghaidh an fhearainn uile: agus gearrar as gach aon a ghoideas, mar air an taobh seo dheth: agus gearrar as gach aon a mhionnaicheas, mar air an taobh sin dheth.
4
Thug mise a‑mach e, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus thèid e a‑steach do thaigh a’ mhèirlich, agus do thaigh an tì a tha a’ mionnachadh gu breugach air m’ainm-sa; agus fanaidh e ann am meadhon a thaighe, agus sgriosaidh e eadar fhiodh agus chlach e.
5
An sin chaidh an t‑aingeal a labhair rium a‑mach, agus thubhairt e rium, Tog suas a‑nis do shùilean, agus faic ciod seo a tha a’ dol a‑mach.
6
Agus thubhairt mise, Ciod e? Agus thubhairt esan, Seo ephah a tha a’ dol a‑mach. Agus thubhairt e, Is i seo an samhladh anns an fhearann uile.
7
Agus, feuch, bha tàlann luaidhe air a thogail suas: agus, feuch, bean na suidhe ann am meadhon na h‑ephah.
8
Agus thubhairt e, Is i seo Aingidheachd: agus thilg e i ann am meadhon na h‑ephah; agus chuir e an cudthrom luaidhe air a beul.
9
An sin thog mi suas mo shùilean, agus dh’amhairc mi; agus, feuch, thàinig a‑mach dà mhnaoi, agus a’ ghaoth nan sgiathan; (oir bha sgiathan aca mar sgiathan corra-glaise); agus thog iad an ephah suas eadar an talamh agus na nèamhan.
10
An sin thubhairt mise ris an aingeal a labhair rium, Càit a bheil iad seo a’ giùlan na h‑ephah?
11
Agus thubhairt e rium, A thogail taighe dhi ann an tìr Shìnair; agus bidh i air a daingneachadh, agus air a suidheachadh an sin air a bonn.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14