bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Zechariah 11
Zechariah 11
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 12 →
1
Fosgail do dhorsan, O Lebanoin, a‑chum gun loisg an teine do sheudair.
2
Guil gu h‑àrd, O chraobh ghiuthais, oir thuit an seudar; oir tha iadsan a b’àirde air am milleadh: dèanaibh gul, O dharagan Bhasain; oir ghearradh frìth na callaid.
3
Guth ulartaich nam buachaillean! A chionn gu bheil an glòir air a milleadh. Guth beucach nan leòmhann òga! Oir tha uabhar Iòrdain air a chreachadh.
4
Mar seo thubhairt an Tighearna, mo Dhia, Beathaich thusa treud a’ chasgraidh,
5
A tha an sealbhadairean a’ marbhadh, agus gam meas fhèin neo-chiontach: agus tha iadsan a tha gan reic ag ràdh, Beannaichte gu robh an Tighearna, oir tha mi saoibhir: agus chan eil truas aig an aodhairean fhèin dhiubh.
6
Oir cha ghabh mise nas mò truas de luchd-àiteachaidh na tìre, tha an Tighearna ag ràdh; ach feuch, bheir mi thairis daoine, gach aon do làimh a choimhearsnaich, agus do làimh a rìgh; agus buailidh iad am fearann, agus cha saor mi as an làimh.
7
Agus beathaichidh mi treud a’ chasgraidh, eadhon sibhse, a bhochdan an treud. Agus ghabh mi am ionnsaigh dà luirg: air aon dhiubh thug mi mar ainm Maise, agus air aon eile thug mi mar ainm Cuibhrichean; agus bheathaich mi an treud.
8
Trì aodhairean fòs gheàrr mi as ann an aon mhìos; agus bha gràin aig m’anam-sa dhiubhsan, agus bha fuath aig an anam-san dhòmhsa.
9
An sin thubhairt mi, Cha bheathaich mi sibh; an nì sin a bhàsaicheas, bàsaicheadh e; agus an nì sin a tha gu bhith air a ghearradh as, biodh e air a ghearradh as: agus itheadh a’ chuid eile gach aon feòil a chèile.
10
Agus ghabh mi mo lorg, eadhon Maise, agus gheàrr mi na bloighdean i, a‑chum gum brisinn mo choicheangal a rinn mi ris an slòigh uile.
11
Agus bhriseadh e anns an là sin: agus mar sin dh’aithnich bochdan an treud a thug an aire dhomh gum b’e sin facal an Tighearna.
12
Agus thubhairt mi riu, Ma chìthear ceart dhuibh, thugaibh dhomh mo luach; agus mura faicear, leigibh leis: mar sin thomhais iad airson mo luach, deich-buinn-fhichead airgid.
13
Agus thubhairt an Tighearna rium, Tilg a‑chum a’ chreadhadair e: an luach ciatach leis an robh mise air mo mheas leòsan! Agus ghabh mi na deich-buinn-fhichead airgid, agus thilg mi iad ann an taigh an Tighearna, a‑chum a’ chreadhadair.
14
Agus gheàrr mi as a chèile mo lorg eile, eadhon Cuibhrichean; a‑chum gum brisinn am bràithreachas eadar Iùdah agus Israel.
15
Agus thubhairt an Tighearna rium a‑rìs, Gabh ad ionnsaigh fhathast innealan buachaille amaidich:
16
Oir feuch, togaidh mise suas buachaille anns an fhearann, nach seall an dèidh an nì sin a ghearrar as: nach iarr a’ chuid a tha òg; agus nach leighis a’ chuid a fhuair dochann; cha mhò a bheathaicheas e a’ chuid a sheas: ach ithidh e feòil na cuid a tha reamhar, agus reubaidh e an crodhain nam bloighdean.
17
Is truagh don droch bhuachaille a dh’fhàgas an treud: thig sgrios air a ghàirdean, agus air a shùil dheis; seargaidh a ghàirdean gu tur, agus dorchaichear a shùil dheas gu h‑iomlan.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14