bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Corinthians 11
1 Corinthians 11
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 12 →
1
Bithibh‐se nur luchd‐leanmhainn ormsa, amhail a tha mise air Crìosd.
2
A‑nis tha mi gur moladh, a bhràithrean, do bhrìgh gu bheil cuimhne agaibh ormsa anns na h‑uile nithean, agus gu bheil sibh a’ coimhead nan òrdaighean, mar a thug mise dhuibh iad.
3
Ach bu mhiann leam fios a bhith agaibh gur e Crìosd ceann gach fir, agus gur e am fear ceann na mnà, agus gur e Dia ceann Chrìosd.
4
Gach fear a tha a’ dèanamh ùrnaigh no fàidheadaireachd, agus còmhdach air a cheann, tha e a’ toirt eas‐urraim da cheann.
5
Ach gach bean a tha a’ dèanamh ùrnaigh no fàidheadaireachd gun chòmhdach air a ceann, tha i a’ toirt eas‐urraim da ceann: oir is ionnan sin agus ged bhiodh i air a bearradh.
6
Oir mura bi còmhdach air ceann na mnà, biodh i air a bearradh mar an ceudna: ach mas grànda do mhnaoi i a bhith air a bearradh no air a lomadh, cuireadh i còmhdach oirre.
7
Oir gun amharas cha chòir do fhear a cheann a chòmhdachadh, do bhrìgh gur e ìomhaigh agus glòir Dhè: ach is i a’ bhean glòir an fhir.
8
Oir chan eil am fear on mhnaoi, ach a’ bhean on fhear.
9
Agus cha do chruthaicheadh am fear airson na mnà, ach a’ bhean airson an fhir.
10
Uime sin is còir don mhnaoi cumhachd a bhith aice air a ceann, airson nan aingeal.
11
Gidheadh, chan eil am fear as eugmhais na mnà, no a’ bhean as eugmhais an fhir, anns an Tighearna.
12
Oir mar a tha a’ bhean on fhear, is amhail sin a tha am fear tre an mhnaoi mar an ceudna: ach is ann o Dhia a tha na h‑uile nithean.
13
Measaibh annaibh fhèin; a bheil e ciatach do mhnaoi ùrnaigh a dhèanamh ri Dia gun chòmhdach air a ceann?
14
Nach eil nàdar fhèin a’ teagasg dhuibh, ma bhios gruag fhada air fear, gur nàir dha e?
15
Ach ma bhios gruag fhada air mnaoi, is glòir dhi e: oir thugadh gruag dhi airson còmhdaich.
16
Ach ma bhios neach air bith connspaideach, chan eil a leithid sin de ghnàthachadh againne, no aig eaglaisean Dhè.
17
A‑nis anns an nì seo a tha mi a’ cur an cèill dhuibh, cha mhol mi sibh, do bhrìgh gu bheil sibh a’ teachd an ceann a chèile, chan ann a‑chum an nì as fheàrr, ach a‑chum an nì as miosa.
18
Oir air tùs, nuair tha sibh a’ cruinneachadh an ceann a chèile anns an eaglais, tha mi a’ cluinntinn gu bheil roinnean nur measg; agus tha mi an cuid ga chreidsinn.
19
Oir is èiginn saobh‐chreideamh a bhith nur measg, a‑chum gun dèanar follaiseach an dream a tha dearbhte nur measg.
20
Uime sin nuair a thig sibh an ceann a chèile do aon àite, chan e sin suipear an Tighearna ithe.
21
Oir ithidh gach aon air tùs a shuipear fhèin, agus tha neach acrach, agus neach eile air mhisg.
22
An e nach eil taighean agaibh a‑chum ithe agus òl annta? No a bheil sibh a’ dèanamh tàire air eaglais Dhè, agus a’ nàrachadh na muinntir aig nach eil? Ciod a their mi ribh? Am mol mi sibh anns a’ chùis seo? Cha mhol.
23
Oir fhuair mise on Tighearna an nì mar an ceudna a thug mi dhuibhse, gun do ghlac an Tighearna Iosa aran, anns an oidhche anns an do bhrathadh e:
24
Agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp‐sa a tha air a bhriseadh air ur son‐se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.
25
Agus air a’ mhodh cheudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an coicheangal nuadh ann am fhuil‐sa: dèanaibh‐se seo, cia minig is a dh’òlas sibh e, mar chuimhneachan ormsa.
26
Oir cia minig is a dh’itheas sibh an t‑aran seo, agus a dh’òlas sibh an cupan seo, tha sibh a’ foillseachadh bàs an Tighearna gus an tig e.
27
Uime sin, ge bè neach a dh’itheas an t‑aran seo, agus a dh’òlas cupan seo an Tighearna gu neo‐iomchaidh, bidh e ciontach de chorp agus de fhuil an Tighearna.
28
Ach ceasnaicheadh duine e fhèin, agus mar sin itheadh e den aran seo, agus òladh e den chupan seo:
29
Oir ge bè a dh’itheas agus a dh’òlas gu neo‐iomchaidh, tha e ag ithe agus ag òl breitheanais dha fhèin, do bhrìgh nach eil e a’ dèanamh aithne air corp an Tighearna.
30
Air a shon seo tha mòran nur measg lag agus tinn, agus tha mòran nan cadal.
31
Oir nan tugamaid breith oirnn fhèin, cha tugadh breith oirnn.
32
Ach nuair a bheirear breith oirnn, tha sinn air ar smachdachadh leis an Tighearna, a‑chum nach bitheamaid air ar dìteadh maille ris an t‑saoghal.
33
Uime sin, mo bhràithrean, nuair a thig sibh an ceann a chèile a‑chum ithe, fanaibh ri chèile.
34
Agus ma bhios acras air aon neach, itheadh e aig an taigh; a‑chum nach tig sibh an ceann a chèile gu breitheanas. Agus cuiridh mise gach nì eile ann an òrdagh nuair a thig mi.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16