bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Corinthians 8
1 Corinthians 8
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 9 →
1
A‑nis a‑thaobh nithean a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againn gu bheil eòlas againn uile. Ataidh an t‑eòlas suas, ach bheir gràdh fòghlam.
2
Agus ma tha aon duine a’ saoilsinn gur aithne dha nì sam bith, chan aithne dha aon nì fhathast mar a bu chòir dha aithneachadh.
3
Ach ma tha gràdh aig duine sam bith do Dhia, tha esan air aithneachadh leis.
4
Uime sin, mu thimcheall ithe nan nithean sin a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againne nach nì air an domhan iodhal, agus nach eil Dia sam bith eile ann ach a h‑aon.
5
Oir ged tha iad ann ris an abrar diathan, mas ann air nèamh no air thalamh (amhail mar tha iomadh dia, agus iomadh tighearna ann),
6
Gidheadh dhuinne chan eil ach aon Dia, an t‑Athair, om bheil na h‑uile nithean, agus sinne air a shon‐san; agus aon Tighearna Iosa Crìosd, tre a bheil na h‑uile nithean, agus sinne trìdsan.
7
Gidheadh chan eil an t‑eòlas seo aig na h‑uile dhaoine: oir tha cuid le cogais a‑thaobh an iodhail gus an t‑àm seo, ag ithe a’ bhìdh mar nì a dh’ìobradh do iodhal; agus air dan cogais a bhith anfhann, tha i air a salachadh.
8
Ach cha mhol biadh sinn do Dhia: oir ma dh’itheas sinn, chan fheàirrd sinn e; cha mhò mura ith sinn, is misde sinn e.
9
Ach thugaibh an aire nach bi an comas seo a tha agaibh air aon dòigh na adhbhar oilbheim don dream a tha lag.
10
Oir ma chì neach thusa aig a bheil eòlas a’ suidhe a‑chum bìdh ann an teampall iodhail, nach neartaichear cogais an tì sin a tha lag a‑chum na nithean sin a dh’ìobradh do iodhalan ithe:
11
Agus tre d’eòlas‐sa an tèid do bhràthair lag am mugha, airson an d’fhuair Crìosd bàs?
12
Ach le peacachadh dhuibh mar sin an aghaidh nam bràithrean, agus len cogais anfhann a lotadh, tha sibh a’ peacachadh an aghaidh Chrìosd.
13
Uime sin ma bheir biadh adhbhar oilbheim dom bhràthair, chan ith mi feòil a‑chaoidh, a‑chum nach toir mi adhbhar oilbheim dom bhràthair.
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 9 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16