bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Corinthians 7
1 Corinthians 7
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 8 →
1
A‑nis a‑thaobh nan nithean mun do sgrìobh sibh am ionnsaigh: Is math do fhear gun bheantainn ri mnaoi.
2
Gidheadh, a‑chum strìopachas a sheachnadh, biodh a bhean fhèin aig gach fear, agus aig gach mnaoi a fear fhèin.
3
Thugadh am fear an deagh‐ghean dligheach don mhnaoi; agus a’ bhean mar an ceudna don fhear.
4
Chan eil comas a cuirp fhèin aig a’ mhnaoi, ach aig an fhear: agus mar an ceudna chan eil comas a chuirp fhèin aig an fhear, ach aig a’ mhnaoi.
5
Na cumaibh ur dlighe o chèile, ach le toil a chèile rè tamaill, a‑chum sibh fhèin a thoirt do thrasg agus do ùrnaigh; agus thigibh cuideachd a‑rìs, a‑chum nach buair Sàtan sibh airson ur neo‐gheamnaidheachd.
6
Ach tha mi a’ labhairt seo mar nì ceadaichte, agus chan ann mar àithne.
7
Oir bu mhiann leam gum biodh na h‑uile dhaoine mar mi fhèin: gidheadh tha a thìodhlac fhèin aig gach duine o Dhia, aig aon neach mar seo, agus aig neach eile mar siud.
8
Uime sin tha mi ag ràdh ris an dream nach eil pòsda, agus ris na bantraichean, Is math dhaibh ma dh’fhanas iad eadhon mar a tha mise.
9
Gidheadh mura faodar leo iad fhèin a ghleidheadh geamnaidh, pòsadh iad: oir is fheàrr pòsadh na losgadh.
10
Agus dhaibhsan a tha pòsda tha mi ag àithneadh, gidheadh cha mhise, ach an Tighearna, gun a’ bhean a dhealachadh ra fear.
11
Ach ma dhealaicheas i, fanadh i gun phòsadh, no biodh i rèidh ra fear: agus na cuireadh am fear uaithe a bhean.
12
Ach ris a’ chuid eile tha mise ag ràdh, chan e an Tighearna, Ma bhios aig bràthair sam bith bean ana‐creidmheach, agus gu bheil i toileach còmhnaidh a ghabhail maille ris, na cuireadh e uaithe i.
13
Agus a’ bhean aig a bheil fear ana‐creidmheach, agus gu bheil esan toileach còmhnaidh a ghabhail maille rithe, na cuireadh i uaipe e.
14
Oir tha am fear ana‐creidmheach air a naomhachadh leis a’ mhnaoi, agus tha a’ bhean ana‐creidmheach air a naomhachach leis an fhear: no bhiodh ur clann neòghlan; ach a‑nis tha iad naomh.
15
Ach ma dh’fhalbhas am fear ana‐creidmheach, falbhadh e. Chan eil bràthair no piuthar fo dhaorsa nan leithidean sin de chàsan: ach ghairm Dia sinn a‑chum sìthe.
16
Oir ciod am fios a tha agadsa, O bhean, nach saor thu d’fhear? No ciod am fios a tha agadsa, O fhir, nach saor thu do bhean?
17
Ach a rèir mar a roinn Dia ris gach duine, mar a ghairm an Tighearna gach aon, mar sin gluaiseadh e: agus mar sin tha mise ag òrdachadh anns na h‑eaglaisean uile.
18
An do ghairmeadh neach sam bith agus e timcheall‐gheàrrte? Na dèanar e neo‐thimcheall‐gheàrrte: an do ghairmeadh neach sam bith gun e a bhith timcheall‐gheàrrte? Na timcheall‐ghearrar e.
19
Chan eil èifeachd anns an timcheall‐ghearradh, agus chan eil èifeachd anns an neo‐thimcheall‐ghearradh, ach ann an coimhead àitheantan Dhè.
20
Fanadh gach aon anns a’ ghairm anns an do ghairmeadh e.
21
An do ghairmeadh thu ad sheirbhiseach? Na biodh suim agad dheth; ach ma dh’fhaodas tu a bhith saor, gum b’e sin do roghainn.
22
Oir an tì a ghairmeadh anns an Tighearna na sheirbhiseach, is duine saor an Tighearna e: mar an ceudna an tì a ghairmeadh agus e saor, is e seirbhiseach Chrìosd e.
23
Cheannaicheadh le luach sibh; na bithibh nur seirbhisich do dhaoine.
24
A bhràithrean, anns an staid anns an do ghairmeadh gach neach, an sin fanadh e maille ri Dia.
25
A‑nis a‑thaobh òighean, chan eil àithne agam on Tighearna: gidheadh tha mi a’ toirt breith, mar neach a fhuair tròcair on Tighearna gu bhith dìleas.
26
Tha mi a’ meas uime sin gu bheil seo math airson na teanntachd a tha an làthair; tha mi ag ràdh gu bheil e math do dhuine a bhith mar sin.
27
A bheil thu ceangailte ri mnaoi? Na iarr fuasgladh. A bheil thu fuasgailte o mhnaoi? Na iarr bean.
28
Ach ma phòsas tu, cha do pheacaich thu; agus ma phòsas òigh, cha do pheacaich i: gidheadh, bidh aig an leithidean seo trioblaid anns an fheòil; ach tha mi gur caomhnadh.
29
Ach tha mi ag ràdh seo, a bhràithrean, gu bheil an aimsir goirid anns na bheil ri teachd: a‑chum araon gum bi iadsan, aig a bheil mnathan, mar nach biodh mnathan aca;
30
Agus iadsan a tha ri caoidh, mar nach biodh iad ri caoidh; agus iadsan a tha ri gàirdeachas, mar mhuinntir nach eil ri gàirdeachas; agus iadsan a tha ri ceannachd, mar dhaoine nach eil a’ sealbhachadh;
31
Agus iadsan a tha a’ gnàthachadh an t‑saoghail seo, mar dhream nach eil ga mhì‐ghnàthachadh; oir thèid sgiamh an t‑saoghail seo seachad.
32
Ach b’àill leam sibhse a bhith gun ro‑chùram. An tì nach eil pòsda, bidh cùram nan nithean sin a bhuineas don Tighearna air, cionnas a thoilicheas e an Tighearna.
33
Ach an tì a tha pòsda, bidh cùram nithean an t‑saoghail air, cionnas a dh’fhaodas e a bhean a thoileachadh.
34
Tha mar an ceudna eadar‐dhealachadh eadar bean agus òigh: tha cùram oirrese nach eil pòsda mu nithean an Tighearna, a‑chum gum bi i naomh, araon na corp agus na spiorad; ach bidh cùram air a’ mhnaoi a tha pòsda mu nithean an t‑saoghail, cionnas a dh’fhaodas i a fear a thoileachadh.
35
Agus seo tha mi a’ labhairt a‑chum ur tairbhe fhèin; chan ann a‑chum gun cuirinn ribe oirbh, ach a‑chum an nì sin a tha ciatach, agus gum feitheadh sibh air an Tighearna gun bhuaireadh.
36
Ach ma shaoileas duine sam bith gu bheil e ga ghiùlan fhèin gu mì‑chiatach a‑thaobh a mhaighdinn, ma chaidh blàth a h‑aimsir thairis, agus gur còir a dhèanamh mar sin, dèanadh e nas àill leis, chan eil e a’ peacachadh: pòsadh iad.
37
Gidheadh, an tì sin a tha suidhichte gu daingeann na chridhe, agus gun èiginn sam bith air, ach aig a bheil cumhachd air a thoil fhèin, agus a chuir roimhe na chridhe a mhaighdeann a choimhead, tha e a’ dèanamh gu math.
38
Uime sin, mas eadh, tha an tì a bheir seachad ann am pòsadh i a’ dèanamh gu math; ach tha an tì nach toir ann am pòsadh i a’ dèanamh nas fheàrr.
39
Tha a’ bhean ceangailte leis an lagh rè na h‑ùine a tha a fear beò: ach ma gheibh a fear bàs, tha i saor gu pòsadh ri aon neach as toil leatha; a‑mhàin anns an Tighearna.
40
Ach tha i nas sona ma dh’fhanas i mar sin, a rèir mo bhreith‐sa: agus is i mo bharail gu bheil Spiorad Dhè agam.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16