bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Corinthians 13
1 Corinthians 13
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 14 →
1
Ged labhrainn le teangaidhean dhaoine agus aingeal, agus gun ghràdh agam, tha mi am umha a nì fuaim, no am chiombal a nì gleangarsaich.
2
Agus ged robh agam fàidheadaireachd, agus ged thuiginn na h‑uile rùintean diamhair, agus gach uile eòlas; agus ged robh agam gach uile ghnè creidimh, ionnas gun atharraichinn slèibhtean, agus mi gun ghràdh agam, chan eil annam ach neoni.
3
Agus ged chaithinn mo mhaoin uile a‑chum na bochdan a bheathachadh, agus ged bheirinn mo chorp gu bhith air a losgadh, agus gun ghràdh agam, chan eil tairbhe sam bith dhomh ann.
4
Tha an gràdh fad‐fhulangach, agus coibhneil; cha ghabh an gràdh farmad; cha dèan an gràdh ràiteachas, chan eil e air a shèideadh suas.
5
Cha ghiùlan e e fhèin gu mì‑chiatach, chan iarr e na nithean sin a bhuineas dha fhèin, chan eil e so‑bhrosnachaidh a‑chum feirge, cha smaoinich e olc sam bith,
6
Cha dèan e gàirdeachas anns an eucoir, ach nì e gàirdeachas anns an fhìrinn;
7
Fuilingidh e na h‑uile nithean, creididh e na h‑uile nithean, bidh sùil aige ris na h‑uile nithean, giùlainidh e na h‑uile nithean.
8
Cha tèid an gràdh air cùl a‑chaoidh: ach mas fàidheadaireachdan a tha ann, thèid iad air cùl; mas teangaidhean, sguiridh iad; mas eòlas, cuirear air cùl e.
9
Oir tha eòlas againn ann an cuid, agus tha sinn ri fàidheadaireachd ann an cuid.
10
Ach nuair a thig an nì a tha iomlan, cuirear air cùl an nì sin nach eil ach ann an cuid.
11
Nuair a bha mi am leanaban, labhair mi mar leanaban, thuig mi mar leanaban, reusonaich mi mar leanaban: ach air fàs dhomh am dhuine, chuir mi na nithean leanabaidh air cùl.
12
Oir tha sinn a’ faicinn anns an àm seo gu dorcha tre ghloine; ach an sin chì sinn aghaidh ri aghaidh: anns an àm seo is aithne dhomh ann an cuid; ach an sin aithnichidh mi eadhon mar tha aithne orm.
13
Agus a‑nis fanaidh creideamh, dòchas, gràdh, na trì nithean seo; ach is e an gràdh as mò dhiubh seo.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 14 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16