bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Thessalonians 1
1 Thessalonians 1
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
1
Pòl, agus Siluanus, agus Timòteus, a‑chum eaglais nan Tesalònianach, a tha ann an Dia an t‑Athair, agus anns an Tighearna Iosa Crìosd: gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.
2
Tha sinn a’ toirt buidheachais do Dhia a‑ghnàth air ur son‐se uile, a’ toirt iomraidh oirbh nar n‑ùrnaighean;
3
A’ cuimhneachadh gun sgur obair ur creidimh, agus saothair ur gràidh, agus foighidinn ur dòchais nar Tighearna Iosa Crìosd, ann am fianais Dhè, agus ar n‑Athar;
4
Air dhuinn fios a bhith againn, a bhràithrean gràdhaichte le Dia, air ur taghadh‐se.
5
Oir cha tàinig ar soisgeul‐ne dur n‑ionnsaigh‐se ann am facal a‑mhàin, ach mar an ceudna ann an cumhachd, agus anns an Spiorad Naomh, agus ann am mòr làn‐dearbhachd; mar as aithne dhuibh ciod a’ ghnè dhaoine bha annainn nur measg air ur son‐se.
6
Agus rinneadh sibh nur luchd‐leanmhainn oirnne, agus air an Tighearna, nuair a ghabh sibh ris an fhacal ann am mòr‐àmhghar, le aoibhneas an Spioraid Naoimh:
7
Ionnas gu robh sibh nur n‑eisimpleirean dhaibhsan uile a tha a’ creidsinn ann am Macedònia, agus ann an Achaia.
8
Oir uaibhse chaidh fuaim facal an Tighearna a‑mach, chan ann a‑mhàin ann am Macedònia agus ann an Achaia, ach mar an ceudna anns gach àite; tha ur creideamh ann an Dia air a sgaoileadh a‑mach, ionnas nach eil feum air sinne a labhairt nì air bith.
9
Oir tha iad fhèin a’ foillseachadh mar timcheall‐ne ciod a’ ghnè dol a‑steach a bha againn dur n‑ionnsaigh‐se, agus cionnas a thill sibh a‑chum Dhè o iodhalan, a dhèanamh seirbhis don Dia bheò agus fhìor,
10
Agus gu feitheamh ri a Mhac o nèamh, a thog e suas o na mairbh, eadhon Iosa a shaor sinne on fheirg a tha ri teachd.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5