bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Thessalonians 3
1 Thessalonians 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 4 →
1
Air an adhbhar sin, nuair nach b’urrainn sinn cumail oirnn fhèin na b’fhaide, bu taitneach leinn a bhith air ar fàgail nar n‑aonar ann am baile na h‑Aithne:
2
Agus chuir sinn Timòteus, ar bràthair agus ministear Dhè, agus ar co‑obraiche ann an soisgeul Chrìosd, a‑chum sibhse a dhaingneachadh, agus comhfhurtachd a thoirt dhuibh mu thimcheall ur creidimh;
3
A‑chum nach gluaiste neach air bith agaibh leis na trioblaidean seo; oir tha fhios agaibh fhèin gun d’òrdaicheadh sinn a dh’ionnsaigh seo.
4
Oir gu deimhinn, nuair a bha sinn maille ribh, dh’innis sinn dhuibh ro‑làimh gu robh sinn gu àmhghar fhulang; eadhon mar a thachair, agus is aithne dhuibh.
5
Air an adhbhar seo, nuair nach robh mise comasach air cumail orm fhèin na b’fhaide, chuir mi a dh’fhaghail fios mur creideamh, air eagal air chor sam bith gun do bhuair am buaireadair sibh, agus gum biodh ar saothair‐ne dìomhain.
6
Ach a‑nis nuair a thàinig Timòteus uaibhse dar n‑ionnsaigh‐ne, agus a thug e deagh sgeul dhuinn mur creideamh agus ur gràdh, agus gu bheil cuimhne mhath agaibh oirnne a‑ghnàth, a’ miannachadh gu mòr sinne fhaicinn, amhail a tha sinne mar an ceudna a’ miannachadh sibhse fhaicinn:
7
Uime sin, a bhràithrean, fhuair sinn comhfhurtachd dur taobh nar n‑uile àmhghar agus theinn, tre ur creideamh‐se:
8
Oir tha sinne beò a‑nis, ma sheasas sibhse gu bunaiteach anns an Tighearna.
9
Oir ciod am buidheachas a dh’fhaodas sinn ìocadh do Dhia as ur leth‐se, airson an aoibhneis sin uile leis a bheil sinn ri gàirdeachas dur taobh am fianais ar Dè,
10
A dh’oidhche agus a là a’ guidhe gu ro‑dhùrachdach gum faiceamaid ur n‑aghaidh‐se, agus gun leasaicheamaid uireasbhaidh ur creidimh?
11
A‑nis gun dèanadh Dia fhèin, eadhon ar n‑Athair, agus ar Tighearna Iosa Crìosd ar slighe a threòrachadh dur n‑ionnsaigh.
12
Agus gun tugadh an Tighearna oirbh fàs, agus a bhith ro‑phailt ann an gràdh da chèile, agus do na h‑uile dhaoine, mar a tha sinne dhuibhse;
13
A‑chum gun daingnich e ur cridheachan neo‐choireach ann an naomhachd am fianais Dhè, eadhon ar n‑Athar‐ne, aig teachd ar Tighearna Iosa Crìosd maille ra naoimh uile.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5